Main content
This programme is not currently available

Airidh air Urram

Sùil air beatha agus dìleab Màiread Fay Sheathach còmhla ri Màrtainn Dòmhnallach. Martin MacDonald reflects on the life and legacy of the folklorist Margaret Fay Shaw.

Tha 80 bliadhna bho cheannaich Fear Chanaigh, Iain Latharna Caimbeul agus a bhean, a' bhàn-Ameireaganach Mairead Fay Sheathach, Eilean Chanaigh. Thug iad seachad e do dh' Urras Nàiseanta na h-Alba ann an 1981. Rugadh Mairead ann ann a 1903, 's nuair a bhàsaich à parantan 's i na deugaire chaidh a togail ann am Pennsylvania le a peathraichean. Ann an 1921 thàinig i a dh'Alba le caraid dhan teaghlach agus chaidh i dhan sgoil ann am Bàil' Eilidh agus an ath bhliadhna chuir i cuairt air an Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan an Iar. Bha ùidh mhòr aice ann an ceòl agus ann an cànan agus thug sin oirre tilleadh a dh'Alba, agus a Ghleanndail an Uibhist a Deas gu sonraichte far na dh'fhuirich grunn bhliadhnaichean. Chuir i gu mòr ri eòlas an t-saoghail air dualchas na Gàidhlig, gu h-àraid leis an leabhar ainmeil aice, Folksongs and Foklore of South Uist. Choinnich i an sgoilear agus am fear-cruinneachaidh, Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh a sin. Phòs iad agus chaidh iad a dh'fhuireach a Chanaigh nuair a cheannaich iad e ann an 1938, far na lean iad orra len cruinneachadh beul-aithris agus òrain. Chaochail Mairead ann a 2004 aig aois 101.

30 minutes

Last on

Sun 3 Jun 2018 10:00

Iain Latharna Caimbeul agus a bhean, Mairead Fay Sheathach

Iain Latharna Caimbeul agus a bhean, Mairead Fay Sheathach
Copyright: National Trust for Scotland 

Broadcasts

  • Tue 29 May 2018 12:00
  • Tue 29 May 2018 22:00
  • Sun 3 Jun 2018 10:00