A' Bhanais Rìoghail
An ath bhanais a bhios againn! Kerry is Ciorstaidh ag ullachadh airson a' bhanais Rìoghail. A royal invitation - the MacPhee sisters Kerry and Kirsty prepare for the big day.
Cha ro sgeul air rothair, clogaid neo lycra aig Kerry agus Ciorstaidh Nic a Phi 's iad am measg còrr air dà mhìle gu leth neach eile ann an Gà rraidhean Caisteal Windsor aig a "Bhanais Rìoghail" - banais Harry agus Meghan air an t-seachdain sa chaidh. B' e cheist a bh' orra fhèin, nuair a fhuair iad am fiathachadh, carson sinne, Clann nighean Ann is Don Mac a Phi à Cille Pheadair an Uibhist a Deas? Ach am beachd mhòran agus gu sònraichte am beachd Dhòmhnaill Mhà rtainn, Morair Ionad a' Chrùin anns na h-Eileanan an iar, bha na caileagan gu math airidh air agus nan deagh riochdairean airson nan Eilean Siar.
Bha tòrr ri dhèanamh - tòrr ri ullachadh agus na caileagan gan deasachadh fhèin airson an là mhòr, là eachdraidheil nam beatha fhèin cuideachd. Bha ceistean agus co-dhùnaidhean gu leòr ri dhèanamh. Dè chuireadh iad oirre, froga neo briogais an à ite lycra is trainers, dè dhèanadh iad leis a ghruag aca - suas neo sìos, curls neo waves? Cha robh iad dol a dh' fhaighinn chun an dìnnear, dè bheireadh iad leotha airson ithe agus airson òl? Ciamar bu chòrr dhaibh iad fhèin a ghiùlain ann an suidheachadh mar sin agus dè an coltas a bheir an tìde airson là na bainnse? Lean sinne iad agus iad a' lorg taic is comhairle an t-seachdain ron a' bhanais.
Last on
Broadcasts
- Thu 24 May 2018 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 24 May 2018 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 27 May 2018 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal