An t-Urr Iain A MacIllÌosa, Eaglais Shaor Ghà idhealach Phartaig bho 1991
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain A MacIllÌosa, Eaglais Shaor Ghà idhealach Phartaig 1991. Gaelic archive service with Rev John A Gillies, Partick Highland Free Church, from 1991.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughadhaidhean a leanas:
Salm 130: 1-5 air fonn Martyrdom agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn agus Salm 130: 7-8 air fonn Torwood le Iain Moireach os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais Shaor Partick Highland.
Leughadh: Isaiah 55
Ceann-teagaisg: Salm 130:4
Rugadh agus thogadh Mgr MacIllÌosa ann a sgìre Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach . Às dèidh dha bhith deiseil ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu agus às an sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Thug e mach dreuchd na ministrealachd ann an 1961 agus chur e seachad a' chiad bhliadhna a' searmonachadh ann an Eilean a' Phrionnsa ann an Canada. Thill e air ais dhan dùthaich seo agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Ghleann Urchardan far an robh e gu 1969. Fhuair e fios an uairsin bho choitheanal Phòl Iù far an robh e gus an do ghluais e a Ghlaschu.
Chaidh Mgr MacIllÌosa a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Ghà idhealach Phartaig ann an 1981. Bha e na mhodarà tor air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 1988 agus cuideachd chuir e seachad sia mìosan ann an Livonia ann an Ameireagaidh. Thadhail e cuideachd air Bosnia dà thuras.
Às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad bha Mgr MacIllÌosa na mhinistear aig an Eaglais Shaor Leantainneach ann a Nis airson trì bliadhna agus bidh e fhathast a' searmonachadh bho à m gu à m.
Last on
An t-Urr Iain A MacIllÃŒosa
Broadcast
- Sun 22 Apr 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal