Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche, An Eaglais Shaor Leantainneach
Còmhla ri Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche, An Eaglais Shaor Leantainneach, Inbhir Nis. Gaelic religious service with Donald J Morrison, evangelist, Free Church Continuing.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 63: 2-3 air fonn London New agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac.
Salm 84: 6-7 air fonn Torwood agus 's e an t-Urr Seumas Gracie a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìsoirt.
Leughadh: Eabhraidhich 11: 1-15
Ceann-teagaisg : Eabhraidhich 11:6
'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san à ite as brèagha de dh'Alba agus am pìos as fheà rr dha na Hearadh". Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.
Mus deach Dòmhnall Iain gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta airson còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a' choimhearsnachd, a' toirt a-staigh còrr air dà mhillean not de thaic airgid bhon roinn phoblaich agus phrìobhaidich airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan sgìre a bha e riochdachadh.
Dh'fhà g e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chur e seachad trì bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, às dèidh tubaist le car far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an-drà sta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis agus mar phà irt dhan obair aige bidh e siubhail gu deifir sgìrean ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeil gu aire dhaoine. Gu math tric 's ann a-muigh air an t-srà id a bhios e a' searmonachadh.
Last on
Dòmhnall Iain Moireasdan
Broadcasts
- Sun 22 Apr 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Apr 2018 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal