01/04/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain 'sa.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 672
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 976
Duration: 05:00
Litir 976: Na Ceilteach (7)
Bha ar-a-mach anns a’ Chòrn ann an ceithir cheud deug, naochad ʼs a seachd (1497). Bha rìgh Shasainn, Eanraig VII, a’ cur chìsean a bharrachd air daoine oir bha e ag iarraidh pà igheadh airson cogadh an aghaidh Alba. Cha robh na Còrnaich deònach na cìsean a phà igheadh. Dh’fhalbh armailt às a’ Chòrn agus rinn iad air Lunnainn mus deach stad a chur orra.
           Ann an còig ceud deug, ceathrad ʼs a naoi (1549), bha ar-a-mach eile anns a’ Chòrn. Bha an rìgh, Eideard VI, agus an Eaglais Shasannach, a’ toirt air daoine a bhith a’ cumail ri nòsan Pròstanach, agus a bhith a’ cleachdadh leabhar-ùrnaigh Beurla, seach Laidinn. Bha mòran anns a’ Chòrn fhathast Caitligeach, agus air an taobh an iar dhen dùthaich bha an cà nan aca fhathast là idir. Cha robh na Còrnaich idir toilichte gum biodh a’ Bheurla Shasannach air a sparradh orra ann an creideamh.
           Dh’fhàs an t-ar-a-mach gu math fuilteach. Chaidh armailt Sasannach, le còrr is ochd mìle duine ann, a-steach don Chòrn. Rinn iad sgrios ann am mòran sgìrean. Thathar a’ dèanamh dheth gun robh còrr is còig mìle duine Còrnach air am marbhadh mus robh an gnothach seachad.
Dhiùlt an Eaglais Shasannach leabhar-ùrnaigh a dhèanamh ann an Còrnais, agus chrìon an cà nan anns na ginealaich an dèidh an ar-a-mach. Bha iomadh adhbhar ann airson sin. Nam measg bha – nach robh Bìoball Còrnais ann, gun do sguir na dealbhan-cluiche mìorbhailteach ann an Còrnais, gun do lagaich na ceanglaichean leis a’ Bhreatainn Bhig agus gun do ghluais Sasannaich a-steach don dùthaich.
           Ged nach eil uiread de dh’fhèin-riaghladh aig a’ Chòrn ʼs a th’ aig na dùthchannan Ceilteach eile ann am Breatainn is Èirinn, tha fèin-aithne Chòrnach aig mòran fhathast. Mu mheadhan an ochdamh linn deug, ʼs e glè bheag de dhaoine a bha a’ bruidhinn gu là itheil ann an Còrnais. Bha i air a cumail beò le sgoilearan a-mhà in. Ann an naoi ceud deug ʼs a ceithir (1904) dh’fhoillsich fear dhiubh, Eanraig Jenner, A Handbook of the Cornish Language. Bhrosnaich sin daoine gus an cà nan ath-bheothachadh anns an fhicheadamh linn.
           Lean sgoilearan eile air, leithid Robert Morton Nance agus Ken George, ach cha robh iad uile a’ tarraing air an aon rà mh a thaobh litreachadh a’ chà nain. Gu dearbh, bha feadhainn dhiubh an ugannan a chèile mu dheidhinn. ʼS ann dìreach o chionn deich bliadhna a chaidh nòs litreachaidh coitcheann aontachadh.
           Fhuair Còrnais inbhe oifigeil le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte fo Chairt Eòrpach nam Mion-chà nanan ann an dà mhìle ʼs a dhà (2002). Agus ann an dà mhìle ʼs a deich (2010), dh’atharraich UNESCO a beachd air a’ chà nan. Roimhe sin, bha iad a’ cumail a-mach gun robh Còrnais cho marbh ri sgadan. A-nise, tha i air a clà radh mar chà nan ‘ath-bheothaichte’. ʼS e clach-mhìle mhòr a bha sin do luchd-strì a’ chà nain.
           Tha strì fhathast aig a’ Chòrn, ge-tà , a thaobh aithneachadh. Gu math tric, bidh Sasannaich ga ceangal ri Devon, ga tomhas mar shiorrachd Shasannach à bhaisteach, no ga h-aithneachadh dìreach mar phà irt dhen ‘West Country’. Ach tha a’ Chòrn eadar-dhealaichte oir tha fèin-aithne Cheilteach aca, agus tha an cà nan aca beò fhathast. Anns a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh, thuirt ceithir cheud, seasgad ʼs a ceithir duine anns a’ Chòrn gum b’ e Còrnais am prìomh chà nan aca.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: armailt: army; Caitligeach: Catholic; creideamh: religion; gu là itheil: daily; ath-bheothaichte: revitalised.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha ar-a-mach anns a’ Chòrn: there was a revolt in Cornwall; bha rìgh Shasainn, Eanraig VII, a’ cur chìsean a bharrachd air daoine: the king of England, Henry VII, was raising addition taxes [on people]; bha e ag iarraidh pà igheadh airson cogadh an aghaidh Alba: he was wanting to pay for a war against Scotland; bha X a’ toirt air daoine a bhith a’ cumail ri nòsan Pròstanach: X was forcing people to adopt Protestant practices; leabhar-ùrnaigh Beurla, seach Laidinn: an English prayer-book, rather than Latin; chrìon an cà nan anns na ginealaich an dèidh an ar-a-mach: the language declined in the generations after the revolt; ged nach eil uiread de dh’fhèin-riaghladh aig a’ Chòrn: although Cornwall doesn’t have the same amount of self-government; bhrosnaich sin daoine gus an cà nan ath-bheothachadh: that encouraged people to revitalise the language; cha robh iad uile a’ tarraing air an aon rà mh: they weren’t all agreeing; bha feadhainn dhiubh an ugannan a chèile: some of them were at loggerheads; a chaidh nòs litreachaidh coitcheann aontachadh: that a common spelling was agreed; fo Chairt Eòrpach nam Mion-chà nanan: under the European Charter for Minority Languages; ga tomhas mar shiorrachd Shasannach à bhaisteach: assess it as an ordinary English county; tha fèin-aithne Cheilteach aca: they have a Celtic identity; anns a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh: in the last census; gum b’ e Còrnais am prìomh chà nan aca: that Cornish was their primary language.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Cha robh na Còrnaich idir toilichte gum biodh a’ Bheurla Shasannach air a sparradh orra: the Cornish were not at all happy that the English language would be forced on them against their will. Sparradh is a good term that is difficult to translate with just one English word. And, as it starts with sp- we don’t have to worry about whether to lenite it – as the ‘sp’ combination cannot be lenited; thus it’s a word that Gaelic learners will welcome!
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gun robh Còrnais cho marbh ri sgadan: that Cornish was as dead as a doorpost [‘herring’].
Broadcasts
- Sun 1 Apr 2018 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 4 Apr 2018 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.