25/03/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 975.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 671
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 975
Duration: 05:00
Litir 975: Na Ceiltich
Bha mi ag innse dhuibh mun t-seann rìoghachd Cheiltich – Rheged. B’ e Urien an rìgh ann aig deireadh an t-siathamh linn. Airson greis dh’obraich e fhèin agus rìghrean Breatannach eile còmhla an aghaidh nan Anglach ann am Bernicia. Cha mhòr nach do rinn iad a’ chùis air na Berniciaich. Ach bha Urien air a mharbhadh le Ceilteach eile a bha dhen bheachd gun robh e a’ fàs ro chumhachdach.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha mac Urien, Owain map Urien, beò direach beagan bhliadhnaichean mus robh esan air a mharbhadh cuideachd, agus le Ceilteach eile. Tha seann là mh-sgrìobhainnean Cuimreach ag innse dhuinn mu oidhirp a rinn na Breatannaich air buaidh a thoirt air na h-Anglaich ann an Catterick (a th’ ann an Siorrachd Iorc an-diugh). Ach chaill iad. Anns an t-seachdamh linn, chaidh Rheged à bith mar rìoghachd Cheilteach. Chaidh a gabhail thairis le Northumbria an dèidh pòsadh eadar Prionnsa Northumbrianach agus bana-phrionnsa à Rheged.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chan eil sin a’ ciallachadh gun do dh’fhalbh an cà nan sa mhionaid. Thathar a’ dèanamh dheth gun robh an t-Seann Bhreatannais air a bruidhinn san sgìre airson greis mhòr an dèidh sin. Bha, agus ann an ceann a deas na h-Alba. Bidh na Cuimrich a’ bruidhinn mun Hen Ogledd – an seann cheann a tuath – an sgìre anns an robh an t-Seann Bhreatannais ga bruidhinn. Bha an cà nan beò gu timcheall an dà rna linn deug.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ach dè thachair do na rìoghachdan Breatannach ann an ceann a deas na h-Alba? Thà inig Lodainn – no Lobhdaidh – fo bhuaidh nan Anglach anns an t-siathamh linn. Ach lean Srath Chluaidh mar rìoghachd Bhreatannach airson ùine à s dèidh sin. Bha prìomh à ros nam Breatannach ann an Srath Chluaidh aig Dùn Breatann.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Aig deireadh an naoidheamh linn, chuir na Lochlannaich Dùn Breatann fo shèist. Fad ceithir mìosan bha na Breatannaich beò anns an daingneach aca – mus do thiormaich an tobar. Ghèill iad agus thug na Lochlannaich na ceudan dhaoine air falbh a dh’Èirinn.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha na Gà idheil agus Cruithnich – a bha a-nise aonaichte mar Albannaich – a’ toirt buaidh air Srath Chluaidh mun aon à m. An fheadhainn nach robh deònach gabhail ri uachdranas nan Albannach, dh’fhalbh iad a dh’fhuireach ann an Gwynedd ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Tha cuid dhen bheachd gun deach an rìgh Breatannach mu dheireadh aig Srath Chluaidh – Owain Maol – a mharbhadh aig Blà r Charham anns na Crìochan anns a’ bhliadhna mìle ʼs ochd-deug (1018). Bha e a’ sabaid à s leth Alba an aghaidh Sasannaich Northumbria.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Mean air mhean, bha na P-Ceiltich a’ dol à fianais ann am Breatainn. Bha dìreach dà à ite far an robh iad fhathast là idir – a’ Chòrn agus a’ Chuimrigh. Tro na meadhan-aoisean bha muinntir na Cùirn gu math Ceilteach. Thathar a’ smaoineachadh gun robh suas ri dà fhichead mìle duine ann aig an robh Còrnais mar chà nan.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ged a bha a’ Chòrn fo smachd Shasainn, lean an cà nan ʼs an cultar, agus bha ceanglaichean là idir eadar an dùthaich agus a’ Bhreatainn Bheag. Bha a’ Bhreatannais agus Còrnais an ìre mhath co-ionann aig an à m sin. An uair sin thà inig na Tudoraich gu rìgh-chathair Shasainn. A dh’aindeoin ʼs gun robh am freumhaichean anns a’ Chuimrigh, cha robh iad bà igheil ris na Còrnaich.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha dà ar-a-mach anns a’ Chòrn thairis air na bliadhnaichean an dèidh sin – co-cheangailte ri cìsean agus cà nan – mar a chì sinn an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: là mh-sgrìobhainnean: manuscripts; Siorrachd Iorc: Yorkshire; bana-phrionnsa: princess; ²µ³óè¾±±ô±ô: surrendered; Na Crìochan: The Borders; Ìýna meadhan-aoisean: the middle ages; a’ Bhreatainn Bheag: Brittany; ar-a-mach: revolt; ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô: taxes.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: deireadh an t-siathamh linn: the end of the sixth century; dh’obraich e fhèin agus rìghrean Breatannach eile còmhla an aghaidh nan Anglach: he and other British kings worked together against the Angles; a bha dhen bheachd gun robh e a’ fàs ro chumhachdach: who thought he was getting too powerful; lagaich sin cùis nan Ceilteach: that weakened the Celtic cause; thathar a’ dèanamh dheth gun robh X air a bruidhinn: it is reckoned that X was spoken; bha prìomh à ros nam Breatannach ann an Srath Chluaidh aig Dùn Breatann: the headquarters of the British in Strathclyde was in Dumbarton; chuir na Lochlannaich Dùn Breatann fo shèist: the Vikings laid siege to Dumbarton; fad ceithir mìosan bha na Breatannaich beò anns an daingneach aca – mus do thiormaich an tobar: for four months the Britons were alive in their stronghold – until the well dried up; bha na Gà idheil agus Cruithnich – a bha a-nise aonaichte mar Albannaich – a’ toirt buaidh air Srath Chluaidh mun aon à m: the Gaels and Picts – who were now united as Scots – were influencing Strathclyde at the same time; nach robh deònach gabhail ri uachdranas nan Albannach: that were not willing to accept the overlordship of the Scots; bha na P-Ceiltich a’ dol à fianais: the P-Celts were disappearing; a’ Chòrn agus a’ Chuimrigh: Cornwall and Wales; bha a’ Bhreatannais agus Còrnais an ìre mhath co-ionann: Breton and Cornish were pretty much identical; thà inig na Tudoraich gu rìgh-chathair Shasainn: the Tudors came to the English throne; a dh’aindeoin ʼs gun robh am freumhaichean anns a’ Chuimrigh, cha robh iad bà igheil ris na Còrnaich: despite the fact that their roots were in Wales, they were not well-disposed to the Cornish.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: an sgìre anns an robh an t-Seann Bhreatannais ga bruidhinn: the area in which the old Brythonic language was [being] spoken. Ga bruidhinn here represents a passive construction; it includes the possessive article so the verbal noun must be lenited appropriately – here are some examples: tha e ga dhèanamh [it (masc.) is being done]; tha i ga dèanamh [it (fem.) is being done]; tha duais ga toirt seachad [a prize (fem.) is being given away]; bha na cà nanan gam bruidhinn [the languages were (being) spoken].
Gnathas-cainnt na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach: Thà inig Lodainn fo bhuaidh nan Anglach: Lothian came under the influence of the Angles.
Broadcasts
- Sun 25 Mar 2018 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Mar 2018 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.