Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Ollamh Urramach Seòras N M Collins (nach maireann) 1986

Seirbheis bho 1986 còmhla ris an Oll Urr Seòras NM Collins, nach maireann. Gaelic religious service from Â鶹Éç archives, conducted by the late Professor George NM Collins.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-2, air fonn London New agus 's e Dòmhnall Chapman a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist

Salm 111: 6-9 air fonn Free Church agus 's e Ailean Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn.

Leughadh: Eseciel 3: 15-27
Ceann-teagaisg: Eseciel 3: 15

Rugadh an t-Oll Urr Seòras MacLeòid Collins ann an Lunnainn sa bhliadhna 1901. B' ann à Lunainn a bha athair agus bha a mhàthair à Cataibh. Ann an 1909 thug bràthair a mhàthar e air chuairt a Chataibh airson fois fhaighinn às dèidh dha a bhith meadhanach airson greiseag. Choinnich e ri sheanmhair Dolina NicLeòid nuair a bha e an sin agus thug an turas seo buaidh mhòr air a bheatha.

Bha deagh chuimhne aige air beatha ann an Cataibh agus bhiodh e an còmhnaidh ag innse sgeulachdan mu bhith dol a dh'iasgach le slat agus mar a ghlac e iasg a' chiad turas, a' chiad chuimhne a bh'aige bonnaich aran-flùir agus aran-coirce a bhlasad agus, nas cudromaiche na h-uile sian, mar a dh'ionnsaich a sheanmhair Gàidhlig dha. Bha beatha ann an Cataibh a' còrdadh ris cho mòr agus gun do dhiùlt e tilleadh a bhaile mòr Lunnainn agus le sin thòisich e anns an sgoil air Ghàidhealtachd.

B' ann nuair a bha e anns an sgoil agus a dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig a chuir e eòlas cuideachd air beatha Chrìosdail. Ged a thug seo buaidh mhòr air a bheatha agus a dh'aindeoin piobrachadh bho leithid an èildear Donnchadh MacRath ag iarraidh air dreuchd na ministrealachd a leantainn, dhiùlt e an t-slighe sin a ghabhail agus thill e a Shasainn far an robh e ag obair do phàipear-naidheachd. Ach a' dh'aindeoin 's gun do chòrd an obair sin ris bha e a' faireachdainn gu robh dreuchd eile a' feitheamh air agus chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson trèanadh a bhith na mhinistear. Às dèidh an trèanaidh chaidh a phòsadh ri chiad choitheanal ann an Eaglais Shaor Ghrianaig ann an 1928 agus dh'fhuirich e an sin airson deich bliadhna. B' e searmonaiche ainmeil a bh' ann agus thar nam bliadhnaichean a bha e a' searmonachadh bha e ri chluinntinn ann an Toronto, Eaglais Shaor Chaluim Chille ann an Dὺn Èideann agus a' teagasg ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson iomadach bliadhna. Bha e cuideachd na mhodaràtair dà thuras - ann an 1949 agus a-rithist ann an 1971.

Bha Mgr Collins pòsta aig Louisa 's bha i air leth taiceil dha fad na bliadhnaichean a bha e a' searmonachadh. Bhàsaich i ann an 1987 agus bhàsaich e fhèin san Damhair 1989. Bha an t-Oll Urr Collins am measg nam ministearan a shearmonaich airson a' chiad turas anns a' Ghaidhlig air a' BhBC.

30 minutes

An t-Ollamh Urramach Seòras N M Collins (nach maireann)

An t-Ollamh Urramach Seòras N M Collins (nach maireann)

Broadcast

  • Sun 4 Mar 2018 21:00