An t-Urr Dòmhnall Dòmhnallach, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Steòrnabhagh
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Dòmhnallach, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Steòrnabhagh. Gaelic service with Rev Donald MacDonald, Reformed Presbyterian Church, Stornoway.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 96: 8-9 air fonn Evan agus 's e Iain MacRath a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch.
Salm 45: 10-11 air fonn Moravia agus 's e Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Partick Highland.
Leughadh: Eòin 7: 2, 11-12, 25-32 & 40-46
Ceann-teagaisg Eòin 7: 46
Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach ann an Glaschu anns a' Mhà irt 1938. Às dèidh grunn bhliadhnaichean ann an Glaschu, ghluais an teaghlach gu baile Leumrabhagh air na Lochan ann an Leòdhas far an deach e dhan bhun-sgoil anns a' bhaile. Chaidh e gu Àrd-sgoil MhicNeacail airson foghlam aig à rd-ìre agus às an sin gu Oilthigh Obar Dheathain. Nuair a bha e deiseil ann an Obar Dheathain chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire eadar 1960 agus 1964. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Chà rlabhaigh anns an Iuchair 1964 agus, a bharrachd air grunn mhìosan a chuir e seachad ann an Vancouver agus Livonia, bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2002.
Phòs an t-Urr Dòmhnallach Mà iri Etta à Cà rlabhagh ann an 1968. Bha e na Mhodarà tor air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire anns a' Chèitein 1992. Leig e dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal ann an 2002 agus tha iad a-nise air an dachaigh a dhèanamh ann an Sanndabhaig.
Tha an t-Urr Dòmhnallach an-diugh na bhall de dh'Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith ag obair anns a' ghà rradh, a' coiseachd agus tha ùidh aige ann a bhith a' siubhal, ag èisteachd ri ceòl agus a' cruinneachadh leabhraichean.
Last on
An t-Urr Dòmhnall Dòmhnallach
Broadcasts
- Sun 11 Mar 2018 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Mar 2018 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal