Episode 184
An SS Andania dha cuir fodha, stailcean sa Ghearmailt agus an tuilleadh caomhnadh air biadh. The SS Andania is sunk, workers strike in Germany and further rationing in Britain.
Air 26mh den Fhaoilleach 1918 chaidh an SS Andania fodha dà mhìle a tuath 's an ear thuath air Eilean Reachraidh a-mach bho Èirinn a Tuath. Bha an Andania, a chaidh a togail ann an Grianaig, air a slighe bho Liverpool gu New York le dà fhichead luchd-siubhail agus carago de shoithichean airgid is daoimain air bòrd, an uair a chaidh a cuir fodha leis a' bhà t-aigeil Gearmailteach U-46 fo stiùir Leo Hillebrand. Chaidh oidhirpean a dheà namh gus a tarraing gu tìr ach an ceann grunn uairean a thìde chaidh i fodha. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu bhàs buileach cianail co-cheangailte rithe.
B' e seo an t-seachdain cuideachd san tà inig na ceudan mhìltean de luchd-obrach a-mach air stailc ann am bailtean na Gearmailt. Bha grunn cheudan stailcean air a bhith ann ann an 1917 ach, air an tolladh leis an acras agus seachd, searbh sgìth den chogadh, ghabh 100,000 luchd-obrach gu srà idean Bherlin air 28mh den Fhaoilleach 1918, ag iarraidh gum bu chòir an cogadh a thoirt gu crìoch sa bhad.
Agus cha b' ann a-mhà in ann an dachannan air feadh na rìoghachd a bha biadh air a chaomhnadh - bha gnothaichean a' fàs teann cuideachd do dhaoine a bha ag ithe ann an taighean-òsta, clubaichean is dachaighean leabaidh is braiceast bho seo a-mach.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 010218
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 1 Feb 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 2 Feb 2018 11:50Â鶹Éç Radio nan Gà idheal