Episode 183
Call mòr aig muir le grunn shoithichean dhan cuir fodha an t-seachdain sa. Heavy losses reported this week in the Mediterranean Sea.
Air 20mh den mhìos chaidh ionnsaigh a thoirt air dà bhà ta-cogaidh Breatannach aig Eilean Imbros, far cladach na Tuirc. B' iad na bà taichean an HMS Raglan agus an M28. Cha robh iad ach beag agus bha na bà taichean-cogaidh a bu chòir a bhith gan dìon, an Agamemnon is an Lord Nelson, air falbh aig an à m. Chaidh an dà bhà ta Breatannach a chur fodha agus chaidh na bha bh' air bòrd - còrr is ceud gu leth duine - a bhà thadh.
Air an aon latha chaidh bà ta Breatannach eile, an HMS Louvain, a chur fodha leis a' bhà t-aigeil, an UC-22, anns a' Mhuir Ghreugach. A-rèir a' chunntais a dh'fhà g am bà t-aigeil, bha oidhche shoilleir, chiùin ann nuair a chunnaic iad bà ta-smùide air fà ire. Bha i seòladh ann an loidhne dhìreach is chuir iad deich mèinnean dhan mhuir air thoiseach oirre. An uair sin loisg iad oirre le torpìodo bho shia ceud meatair, ga bualadh san deireadh, agus thòisich i dol fodha.
Chaidh cùirt-cogaidh a chumail ann am Portsmouth trì mìosan às dèidh seo mu chur-fodha an Louvain.
Agus air 23mh den mhìos , chaidh am bà ta-carago Breatannach, an SS Birkhall, a bhualadh le torpìodo o bhà t-aigeil mu cheithir mìle an ear-dheas air Ceap Doro sa Ghrèig is i air a slighe eadar Salonika is Alexandria. B' ann à Tiriodh a bha an caiptean agus cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 250118
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 25 Jan 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 26 Jan 2018 11:50Â鶹Éç Radio nan Gà idheal