Episode 60
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Air 15mh den Dùbhlachd, 1917 chaidh rèite-chogaidh aontachadh eadar Riaghaltas Boilsibheach na Ruis agus A' Ghearmailt, an Ìmpireachd Ostro-Ungà rianach, an Ìmpireachd Ottomanach agus Bulgà iria. Thòisicheadh e an ceann dà latha is mhaireadh e mìos.
Sgrìobh fear à Muile gu Pà ipear an Òbain is uallach air mu chuirp a bha tighinn air na cladaichean, gun dad orra a dh'innseadh cò iad. Ged a bhathas gan tiodhlacadh leis a h-uile spèis is urram cha robh sin a' toirt furtachd sam bith dhan teaghlaichean aig nach robh fios dè thachair dhaibh. Cluinnidh sinn mu bheachd a bh' aige airson cùisean a dhèanamh beagan nas fhasa do luchd-dà imh.
Agus cluinnidh sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mun uallach a bh' air Gaseat Steòrnabhaigh mu na gillean Leòdhasach a bha am measg am mìle gu leth Breatannach a bha fo chuing ann an campa Groningen san Òlaind.
B' e latha buileach duilich a bha anns an latha ron Nollaig 1917 dhan Chabhlaich Rìoghail is an naidheachd ma sgaoil gu robh na trì mìlltearan a b' fheà rr a bh' ann uile air an call. Chaidh HMS Tornado, HMS Torrent agus HMS Surprise a chall an dèidh dhaibh bualadh ann am mèinnean.
Agus air an latha an dèidh na Nollaige leig Admiral Sir Iain Jellicoe dheth a dhreuchd mar Phrìomh Mhorair na Mara. Bha e air a chur às a leth nach robh tuigse aige air poilitigs agus bha e air a bhith an aghaidh coimheadachd bhà taichean ged a rinn e obair mhòr a' feuchainn ri dèiligeadh ann an dòighean eile ris a' chunnart bho bhà taichean-aigeil an nà mhaid.
Air 30mh den Dùbhlachd 1917 chaidh an Aragon, bà ta giùlain shaighdearan, a chur fodha air an latha seo. Ann an coimheadachd bhà taichean, bha i air Alexandria a ruighinn an dèidh seòladh à Marseilles seachdain ron Nollaig le còrr air dà air dà mhìle gu leth saighdear air bòrd, 's iad air an t- slighe a shabaid ann am Palestine. Fhad 's a bha an Aragon a' feitheamh airson a dhol a-steach don chaladh, chaidh a bualadh le torpedo bhon bhà t'-aigeil Gearmailteach UC-34.
A thuilleadh air call-beatha mòr an cois sgrios an Aragon, bha naidheachdan bà is aig toiseach 1918 a' tighinn às an Fhraing a dh'Ath Tharracail, a dh'Ìle, a Gheà rrloch, a Nis, a Steòrnabhagh, dha na Hearadh, a Loch Bhraoin, a Dhùn Bheagain, agus dhan Chill Mhòr san Eilean Sgitheanach, le naidheachd chianail a Thiriodh cuideachd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 8 Jan 2018 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 8 Jan 2018 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Jan 2018 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal