Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War one hundred years ago.

Bha grunn litrichean ann am Paipear an Òbain air an 24mh den t-Samhain 1917 a' dol gu làidir an aghaidh beachd a bh' air nochdadh sa phàipear roimhe a bha a' cumail a-mach nach robh aon Ghàidheal le Gàidhlig air Crois Bhictoria a chosnadh sa chogadh thuige seo. Bha sin ceàrr am beachd Ailig Mhic a' Ghobhainn a sgrìobh à Àrdrigh. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill co è.

Air an 27mh den t-Samhain chaidh an soitheach carago stàilinn SS Camellia a dhìth 's i a' deànamh a slighe bho Dakar gu Breatainn. Chun an latha an-diugh chan eil fios aig duine dè a thachair dhan Chamellia, ach chaillear an còig deug thar fhichead seòladair a bh' air bòrd, nam measg gunnaire à Leodhas.

Air madainn an 6mh den Dùbhlachd bha am bàta Nirribheach SS Imo a' deànamh a slighe a-mach à Cala Halifax air a slighe dhan Bheilg le carago air bòrd. Aig an aon àm bha an soitheach Frangach SS Mont Blanc a' deànamh a slighe a-steach dhan chala 's i a' feitheamh air conbhoidh a bheireadh tarsainn a' Chuan Siar i. Bha i luma làn de stuthan spreadhaidh. Cha robh bratach dearg air am Mont Blanc ag innse gun robh uidheaman spreadhaidh air bòrd, ach cha robh sin ach pàirt dhen trioblaid, oir an àite cumail ri taobh Halifax gheàrr an Imo tarsainn air am Mont Blanc agus mus rachadh aca air bacadh air ais, bha iad air bualadh na chèile.

Cluinnidh sin bho Ghilleasbuig mar a thachair agus mar a chailleadh còignear à Barraiagh air soitheach eile sa chala, an SS Curaca.

Air an 9mh den Dùbhlachd 1917 thàinig naidheachd a thug togail dhan h-uile duine air taobh nan Co-chòmhraigeach le feachdan Breatannach fo stiùir an Seanaral Edmund Allenby a' gabhail thairis a' faighinn smachd baile Ierusalem. Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig mu na thachair.

Agus air an dearbh latha chaidh aonta a ruighinn eadar Romània agus na dùthchannan air taobh na Gearmailt airson sìth. Bha aonta Brest-Litovsk aig toiseach na mìos air Romània fhàgail ann an suidheachadh lag agus às aonais taic nan Ruiseanach b'fheudar dhan riaghaltas aice gèilleadh agus a h-ainm a chuir ri Aonta Focsani a' toirt nan ionnsaighean air a' Ghearmailt, an Ostair san Ungaire, Bulgària agus an Ìmpireachd Ottaman gu ceann.

30 minutes

Last on

Christmas Eve 2017 13:00

Broadcasts

  • Mon 18 Dec 2017 12:00
  • Mon 18 Dec 2017 22:00
  • Christmas Eve 2017 13:00