01/10/2017
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 950.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 646
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 950
Duration: 05:00
Litir 950: Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dà n (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Dhòmhnall mac Fhionnla’ nan Dà n – am bà rd agus sealgair Abrach. Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill. Tha clach-cuimhne anns a’ chladh dha ach chan eil fios le cinnt cà ’ bheil an uaigh aige. A rèir aithris bha leac ann uaireigin ga comharrachadh agus, cleas Dhonnchaidh Bhà in, sgrìobh am bà rd na leanas airson a dhol oirre:
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Fhir, a cheumas thar mo lic’, Seall a-rithist à s do dhèidh, ʼS cuimhnich – ged tha mi san uaigh – Gun robh mi uair cho luath riut fhèin.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Co-dhiù tha mi airson innse dhuibh mu bhà s Dhòmhnaill, a rèir beul-aithris a chaidh a chruinneachadh anns an sgìre. Tha an naidheachd laghach agus, a bharrachd air sin, tha i a’ toirt dhuinn briathrachas co-cheangailte ri boghadaireachd.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha Dòmhnall a’ fà s sean. Ged a bha a bhean na b’ òige na e, chaochail i air thoiseach air. Bha e a’ fuireach cuide ri a nighinn. Latha a bha seo, bha e gu h-à rd taobh Loch Trèig na shuidhe ann am bothan agus e a’ coimhead a-mach air an uinneig. Bhiodh e an uair sin ochdad ʼs a h-ochd bliadhna a dh’aois. Bha a nighean ag obair air aran a dhèanamh. Leig Dòmhnall osna     ‘Dè th’ ort, a dhuine?’ thuirt i.
‘Tha mi a’ faicinn ùdlaiche a’ tighinn a-nuas an sin, agus e cho brèagha ʼs a chunna’ mi riamh. Agus ’s e a tha a’ cur caimir-inntinn orm nach urrainn dhomh a thilgeil leis an t-saighead.’
‘Och, na bithibh a’ coimhead air rudan mar sin, a dhuine,’ thuirt i.
‘Thoir thusa an t-saighead a-nuas bhà rr an fharaidh,’ thuirt Dòmhnall. ‘Tha i dreis ann a-nise, agus am bogha. Faic am bheil an taifeid fallain. Agus faigh an t-saighead as fheà rr smeòir. Ma tha i garbh anns an roinn, suath i ri clach an teinntein.’
Rinn an nighean sin. Leag Dòmhnall a thaic ris an uinneig. Tharraing e an t-saighead agus leig e air falbh i. Thuit am fiadh. Agus cha mhòr nach do thuit am bodach taobh an teine leis a’ bhriosgadh a thug e air.
‘Seo agad m’ iarrtas,’ thuirt e. ‘Sin agad an damh mu dheireadh a thilgeas mi. Feann e agus cuir an t-seiche aige air dòigh agus thèid mo thiodhlacadh ann an seiche an daimh sin ann an Cille Choirill. Na cuir air mo dhruim idir mi. Ach cuir m’ aghaidh air Loch Trèig is air na monaidhean air a bheil m’ inntinn a’ siubhal a h-uile latha.’
Tha mi airson soraidh a leigeil le Cladh Cille Choirill an-diugh oir tha sinn air a bhith ann beagan sheachdainean. Ach bu mhath leam dìreach geà rr-aithris a dhèanamh air an eaglais anns a’ chladh a tha gu math math sean. A rèir beul-aithris, chaidh a togail – no ʼs dòcha ath-thogail (oir tha an t-ainm gu math sean) – ann an ceithir cheud deug, ochdad ʼs a ceithir (1484) le ceann-cinnidh nan Camshronach, Ailean nan Creach.
Thog Ailean seachd creachan ach, an dèidh là imhe, ghabh e aithreachas à s. Chuir e roimhe seachd eaglaisean a thogail airson a chuid aithreachais a dhearbhadh. B’ e tè dhiubh Cille Choirill. Bha an eaglais anns a’ chladh mu thrà th nuair a chaidh Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dà n a thiodhlacadh ann, le seiche daimh timcheall air agus aghaidh air Loch Trèig ʼs na monaidhean.Â
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Abrach: Lochaber; caimir-inntinn: mental distress; taifeid: bowstring; m’ iarrtas: my request; feann: flay, skin; Ailean nan Creach: Allan of the Forays; aithreachas: regret.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bha leac ann ga comharrachadh: there was a slab marking it; Fhir, a cheumas thar mo lic’, Seall a-rithist às do dhèidh: O man who walks over my slab, look again behind you; cuimhnich – ged tha mi san uaigh – gun robh mi uair cho luath riut fhèin: remember – although I am in the grave – that I was once as swift as you; a’ toirt dhuinn briathrachas co-cheangailte ri boghadaireachd: giving us vocabulary connected to archery; dè th’ ort, a dhuine?: what’s wrong with you, man?; ùdlaiche a’ tighinn a-nuas an sin: a stag coming down there; cho brèagha ʼs a chunna’ mi riamh: as beautiful as ever I saw; nach urrainn dhomh a thilgeil leis an t-saighead: that I can’t shoot at it; thoir thusa an t-saighead a-nuas bhà rr an fharaidh: take down the arrow from the loft; tha i dreis ann a-nise, agus am bogha: it’s been there a while, as has the bow; faigh an t-saighead as fheà rr smeòir: get the arrow with the best shaft; ma tha i garbh anns an roinn, suath i ri clach an teinntein: if it is rough on the cleft, rub it on the hearthstone; leag X a thaic ris an uinneig: X supported himself on the window; cha mhòr nach do thuit am bodach leis a’ bhriosgadh: the old man almost fell with the aftershock; thèid mo thiodhlacadh ann an seiche an daimh: I’ll be buried in the stag’s skin; cuir m’ aghaidh air Loch Trèig: set me to face Loch Treig; thog Ailean seachd creachan: Allan was engaged in seven plunderings.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: chaochail i air thoiseach air: she died before him ie ahead of him. Air thoiseach air ‘ahead of’ and air dheireadh air ‘behind’ are good phrases to remember (the lenition of the noun being related to an old model for the indefinite dative singular). Here are a couple of examples: bha mi air thoiseach ort ‘I was ahead of you’; bha i air dheireadh air a piuthar ‘she was behind/after her sister’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cleas Dhonnchaidh Bhà in: in the manner of Duncan Ban [MacIntyre]. Duncan’s well-known grave in Edinburgh has a similar verse on it (although Dòmhnall’s is much earlier and perhaps served as a model for Duncan – if oral tradition is correct).
Broadcasts
- Sun 1 Oct 2017 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 4 Oct 2017 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.