24/09/2017
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain 'sa. Seo litir à ireamh 946.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 645
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 949
Duration: 05:00
Litir 949: Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dà n (1)
Anns an Litir mu dheireadh, bha mi a’ bruidhinn mu Iain Lom a th’ air a thiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill ann an Loch Abar. Tha bà rd ainmeil eile air a thiodhlacadh anns an dearbh à ite. B’ esan Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dà n. Sgrìobh e an dà n ainmeil ‘Òran na Comhachaig’ aig deireadh an t-siathamh linn deug.
Dh’ainmich mi Iain Beag Dòmhnallach aig an robh beul-aithris mu Iain Lom. Bha beul-aithris aige mu Dhòmhnall cuideachd agus thug e sin do Chalum MacGill-Eain, am fear-cruinneachaidh beul-aithris. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh dà naidheachd mu Dhòmhnall.
           Bha Dòmhnall a’ fuireach aig ceann Loch Trèig. Bha e sgileil leis a’ bhogha is saighead. Cha robh mòran anns an dùthaich ri linn na b’ fheà rr na e air an t-saighead. Ghabh e cuairt a dh’Earra-Ghà idheal a dh’fhaicinn dè seòrsa dùthaich a bh’ innte. A bharrachd air a bhith na bhà rd, bha Dòmhnall na shealgair. Agus dè chunnaic e ann an Earra-Ghà idheal ach damh-fèidh cho brèagha ’s a chunnaic e riamh.
Bha de mheas aige air marbhadh nam fiadh, ʼs gun do dh’fheuch e an t-saighead. Mharbh e am beathach. Ach dh’inns muinntir an à ite don cheann-chinnidh aca gu dè bh’ air tachairt. Duine sam bith a mharbhadh fiadh an uair sin ’s e a’ chroich a bha a’ feitheamh ris. Ach chaidh innseadh don cheann-chinnidh gun do rinn Dòmhnall urchair iongantach leis an t-saighead agus gum bu shealgair math e.
‘Uill,’ thuirt an ceann-cinnidh, ‘bidh e math nam chuideachd, ma thig na nà mhaidean teann orm. Agus feuchaidh mi ri a bhreugadh cho math ʼs as urrainn domh, feuch an cùm mi e dhomh fhìn.’
Thugadh Dòmhnall air beulaibh a’ chinn-chinnidh. ‘Chuala mi,’ thuirt am bodach, ‘gun robh thu feadh a’ mhonaidh.’
‘Bha,’ thuirt Dòmhnall.
‘Mharbh thu fiadh is tha sin nad aghaidh. Ach gheibh thu maitheanas ma dh’fhanas tu air an talamh agam fhìn.’
‘Fanaidh,’ dh’aontaich Dòmhnall.
Dh’fhuirich e ann dreis. Ach bha e a’ fàs sgìth dheth. Chaidh e chun a’ chinn-chinnidh is thuirt e ris, ‘Tha mi a’ falbh. Chan eil mi a’ dol a dh’fhuireach an seo tuilleadh.’
‘O! tha mi glè dhuilich,’ thuirt an ceann-cinnidh. ‘Bheir mi dhut an còrr talamh.’
‘B’ fheà rr aon sgrìob taobh Loch Trèig,’ arsa Dòmhnall, ‘na na bheil agad uile.’
Dhealaich iad. Chaidh Dòmhnall an-à irde do Loch Trèig a dh’fhuireach.
           Latha a bha seo, bha Dòmhnall air a’ Bheinn Bhric anns a’ Choire Odhar. Bha a’ bhana-bhuidseach, Cailleach na Beinne Brice, a’ fuireach an sin cuide ri a h-aighean. Bhiodh i a’ bleoghann nan aighean agus a’ dèanamh gruth is ìm is cà ise airson reic. Bha agh shònraichte aice ris an abradh iad ‘an agh bhà n’. Chunnaic a’ Chailleach Dòmhnall a’ tighinn a-staigh air na h-aighean agus chuir i stad air.
‘Dè tha a dhìth ort?’ dh’fhaighnich i.
‘An tè bhan a tha sin,’ thuirt Dòmhnall.
‘Chan fhaigh thu an tè bhà n,’ ars ise.
‘Gheibh,’ thuirt esan.
‘Chan fhaigh,’ ars ise. ‘Fà g an tè bhà n,’ thuirt i, ‘is bheir mi dhut guidhe sam bith a tha a dhìth ort.’
Choimhead e air na h-aighean. ‘An toir thu an t-sròn dhiubh,’ thuirt e.
‘Bheir mi sin, a Dhòmhnaill,’ thuirt a’ Chailleach.
Agus thathar ag rà dh nach d’fhuair agh riamh on latha sin gaoth air Dòmhnall MacFhionnla’, an sealgair.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: comhachag: owl; dà naidheachd: two anecdotes; ·¡²¹°ù°ù²¹-³Ò³óà ¾±»å³ó±ð²¹±ô: Argyll; sealgair: hunter; »å²¹³¾³ó-´Úè¾±»å³ó: red deer stag; dreis: a while; ²õ²µ°ùì´Ç²ú: strip [of land]; dhealaich: parted, separated; Cailleach na Beinne Brice: the hag of the speckled mountain.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: sgileil leis a’ bhogha is saighead: skilful with [the] bow and arrow; cha robh mòran anns an dùthaich ri linn na b’ fheà rr na e: there weren’t many in the country in his day that were better than him; duine sam bith a mharbhadh fiadh an uair sin ’s e a’ chroich a bha a’ feitheamh ris: anyone who killed a deer in those days, it’s the gibbet that was awaiting him; gun do rinn Dòmhnall urchair iongantach leis an t-saighead agus gum bu shealgair math e: that Donald made a great shot with the arrow and that he was a good hunter; bidh e math nam chuideachd, ma thig na nà mhaidean teann orm: he’ll be good in my company if [my] enemies come close to me; feuchaidh mi ri a bhreugadh: I’ll try to flatter him; air beulaibh a’ chinn-chinnidh: in front of the clan chief; tha sin nad aghaidh: that’s against you; gheibh thu maitheanas ma dh’fhanas tu air an talamh agam fhìn: you’ll receive forgiveness if you remain on my land; a’ dol a dh’fhuireach an seo tuilleadh: going to live here any longer; a’ bleoghann nan aighean: milking the hinds; gruth is ìm is cà ise: crowdie and butter and cheese; agh shònraichte ris an abradh iad ‘an agh bhà n’: a special hind they called ‘the fair hind’; dè tha a dhìth ort?: what do you want?; bheir mi dhut guidhe sam bith: I’ll grant you anything; an toir thu an t-sròn dhiubh: will you take the nose(s) off them; nach d’fhuair agh riamh gaoth air X: that no hind ever got wind of X
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha de mheas aige air marbhadh nam fiadh: he had such a love of killing [the] deer. De ‘o´Ú’ is a simple preposition which lenites a following noun. In this construction it is very useful but note that it usually needs to be followed by a clause (often starting with agus or its reduced form ¾±²õ/ʼ²õ to round it off. Here is another example: bha de mhisneachd aige ʼs nach robh e uair sam bith a’ gabhail eagal ‘he had so much confidence that he was never afraid.’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: B’ fheà rr taobh Loch Trèig na na bheil agad uile: [I’d] prefer the side of Loch Treig to all you have.
Broadcasts
- Sun 24 Sep 2017 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Sep 2017 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.