Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Seumas MacÃŒomhair bho 1992 - 1/2

1/2 Seirbheis bho 1992 còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair. 1/2 Archive service from 1992 with Rev James MacIver.

Anns an t-seirbheis a chaidh a chlàradh ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìde an Ear ann an 1992 cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:

Salm 43: 3-4 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn
Salm 1: 1-2 air fonn London New agus 's e an t-Urr Seumas MacÃŒomhair a tha os cionn na seinn

Leughadh: 2 Eòin 1-13

'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair agus tha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor a' Chnuic. Bha e roimhe ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bhon bhliadhna 2000 tha e air a bhith na phrìomh neach-clèireach do dh'Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire. Bha e na mhodaràtor air Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.

Chaidh an t-Urr MacÌomhair na òige gu bun-sgoil Thunga agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.

Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich golf agus a' leughadh.

30 minutes

Last on

Sun 17 Sep 2017 21:00

An t-Urr Seumas MacÃŒomhair

An t-Urr Seumas MacÃŒomhair

Broadcast

  • Sun 17 Sep 2017 21:00