10/09/2017
Seirbheis còmhla ris an Urr Ruairidh Moireasdan, Àrd Eaglais Steòrnabhaigh 1991. Gaelic archive service with Rev Roddy Morrison, Stornoway High Church, 1991.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 9: 9-10 air fonn Bangor agus 's e Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn agus Salm 93:3-4 air fonn Kilmarnock agus 's e Niall M MacCoinnich a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Àrd-eaglais Steòrnabhaigh ann an 1991.
Leughadh: Ieremiah 12: 1-13
Ceann-teagaisg: Ieremian 12: 5
Rugadh is thogadh Ruairidh Moireasdan ann an Uibhist a Tuath. Dh'fhà g e sgoil aig còig bliadhna deug 's chaidh e a Ghlaschu a thoirt a-mach an dreuchd aige mar shaor. Thà inig atharrachadh na bheatha nuair a bha e bliadhna thar fhichead 's e dol gu danns'. Dh'fhairich e gu robh Dia dha ghairm gu bhith a' searmonachadh 's chuir e seachad trì bliadhna ann an sgoil-oidhche airson foghlam aig à rd-ìre fhaighinn. Às dèidh sin, rinn e MA agus BD. Bha an t-Urr Moireasdan na mhinistear air coitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh airson iomadach bliadhna agus às dèidh sin ghluais e a Ghlaschu far an robh e os cionn coithean.
Last on
An t-Urr Ruairidh Moireasdan
Broadcast
- Sun 10 Sep 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal