An t-Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Srà id Briton 1997
1/2. Seirbheis còmhla ris an Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Srà id Briton. Gaelic archive service with Rev Donald Macleod, minister of Briton Street Free Church 1997.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 100: 1-2 air fonn Coleshill agus 's e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais an Òib.
Salm 89: 15-16 air fonn Stornoway agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Leabhar nan Salm 89: 1-18
Ceann-teagaisg: Leabhar nan Salm 89: 15
Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Macleòid anns an Eilean Sgitheanach ann an 1931. Às dèidh dha an sgoil fhà gail, chaidh e a dh' Oilthigh Dhùn Èideann 's a dh' Oilthigh Naomh Anndra far an do cheumnaich e mar fhiaclair. Chuir e seachad mòran bhliadhnachan ag obair anns na sgoiltean air iomall Inbhir Nis. Thà inig atharrachadh na bheatha ann an 1959 's an dèidh deich bliadhna chaidh e a-steach do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd na ministrealachd a leantainn. Bha e na mhinistear ann an Loch Bhraoin airson ochd bliadhna 's às dèidh sin ann an Glaschu. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1999 ach bidh e toirt taic le bhith searmonachadh ann an Eilean Arainn bho à m gu à m. Tha e pòst' aig Fiona 's tha ceathrar mhac 's naoinear oghaichean aca.
Last on
Broadcast
- Sun 13 Aug 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal