Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis Ghleann na Ceòlraidh à Uibhist - 2007

Seirbheis Ghleann na Ceòlraidh à Eaglais Naomh Peadair, Dalabrog 2007. Gaelic service including spiritual and religious works collected by folklorist Margaret Fay Shaw in Uist.

Seirbheis shònraichte a chaidh a chlàradh ann an Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog an Uibhist a Deas ann an 2007. Chaidh an t-seirbheis a chuir air dòigh mar phàirt de cho-labhairt Gleann Na Ceòlraidh far an robhar a' cuimhneachadh air a' chruinneachadh de bheul-aithris, òrain, ùrnaighean is eile a rinn Mairead Fay Sheathach nuair a bha i ann an Uibhist. Os cionn na seirbhis bha an Canan Dòmhnall MacAoidh.

A' seinn anns an t-seirbheis bha buill bho Chòisir Eaglais Naomh Peadair, Pòl MacCalum agus Sineag Nic an t-Saoir. A' cluich ceòl na fìdhle bha Màiri Teres Gilfedder agus a' cluich an cello bha Vivien MacKee. A' seinn an laoidh, A Mhoire Mhìn-Gheal, air a' phìob bha Mgr Ruairidh MacAmhlaigh.

A' leughadh bha Màiri Ann Chaimbeul agus ag aithris ùrnaighean bhon leabhar 'Folksongs and Folklore of South Uist' bha Sara NicAoidh, Hugh Cheape agus an Dotair Sara Marr.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 6 Aug 2017 21:00
  • Sun 19 Aug 2018 21:00
  • Sun 4 Sep 2022 21:00
  • Sun 18 Jun 2023 21:00