Main content
This programme is not currently available

Maureen sa Waldorf Astoria, New York

Maureen NicLeòid air chuairt timcheall taigh-òsta Waldorf Astoria ann an New York. Maureen MacLeod visits one of the most historic hotels in the world: the Waldorf Astoria.

Dhùin na dorsan air aon de na taighean-òsta as ainmeile san t-saoghal na bu tràithe am bliadhna, a' Waldorf Astoria ann an New York, agus chan eil dùil gu fosgail an togalach a-rithist gu 2020 às dèidh obair-leasachaidh. Tha an taigh-òsta cha mhòr na thaigh-tasgaidh leis cho eachdraidheil agus a tha i agus tha uallach air mòran gun caill an Waldorf Astoria an ìomhaigh a th' aice nuair a thèid an obair-leasachaidh a dhèanamh, agus dragh gu sònraichte mun ealain a tha ri fhaicinn anns an lobaidh nuair a thig thu staigh.

Tha Maureen NicLeòid am measg an fheadhainn a tha gabhail uallach gun caill an taigh-òsta cuid den eachdraidh a th' aice agus le sin chuir I roimhpe ùine a chuir seachad na broinn mus bualadh an cloc meadhan-là air an là a chaidh na dorsan a dhùnadh.

Anns a' phrògram tha Maureen a' toirt thugainn eachdraidh an taigh-òsta agus cuideachd gar stiùireadh timcheall cuid de na prìomh àiteachan am broinn an togalaich.

30 minutes

Last on

Christmas Day 2017 12:00

Broadcasts

  • Tue 23 May 2017 12:00
  • Tue 23 May 2017 22:00
  • Sun 28 May 2017 10:00
  • Christmas Day 2017 12:00