Sgrìobhaichean air Sgrìobhadh
Am bà rd agus an sgoilear Dòmhnall MacAmhlaigh ann an còmhradh ri Aonghas MacNeacail. The late Donald Macaulay, bard and scholar, in conversation with Aonghas MacNeacail.
Rugadh Dòmhnall Macamhlaigh am Beà rnaraigh, Leodhais ann a 1903. Thòisich e ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958, an toiseach ann an Roinn na Beurla agus Linguistics agus an dèidh sin anns an Roinn Cheiltis. Às an sin, ghluais e gu Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath agus gu Oilthigh Obar Dheathain. Ghabh e dreuchd Àrd-ollamh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Anns na bliadhnaichean sin rinn e obair sgoilearachd a thug cliù agus inbhe dha air feadh na dùthcha.
Chaidh Seòbhrach às a' Chloich, leabhar de na dà in aige, fhoillseachdh ann an 1967. Tha a bhà rdachd cuideachd air nochdadh ann an grunn irisean is leabhraichean, agus tha dùil ri leabhar ùr eile bho Acair a dh'aithghearr. Ann an 1976, dheasaich e Nua Bhà rdachd Ghà idhlig, leabhar cudromach ann an litreachas Gà idhlig a tharraing còmhla airson a' chiad uair obair còignear de na bà ird as ainmeile a bhiodh a' sgrìobhadh san nòs ùr ann an Gà idhlig, e fhèin nam measg. Chaidh cruinneachadh eile den bhà rdachd aig, Deilbh is Faileasan, fhoillseachadh ann an 2008.
Anns a' phrògram seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2001, tha Aonghas MacNeacail a' bruidhinn ri Dòmhnall mu bhà rdachd agus na tha a' toirt buaidh air.
Chaochail Dòmhnall air an 28mh den Ghearran 2017.
Last on
Music Played
-
Gavin James
I Don't Know Why
- Bitter Pill.
- Good Soldier Songs.
- 6.
Broadcasts
- Mon 27 Mar 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 27 Mar 2017 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Apr 2017 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal