Coinneach Diciadain.
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ag innse sgeulachd beatha Uilleam Shepherd Mhoireasdan. Donald W Stewart talks about William Shepherd Morrison's life story.
An-diugh dè tha sib' fhèin a' pà igheadh ann an cìsean gach latha, bho dh'èireas sibh anns a' mhadainn gus an tèid sibh nar tà mh airson na h-oidhche? Fad a bharrachd na tha sibh a' smaoineachadh 's dòcha! Aig toiseach bliadhn' ionmhais ùr tha sinn air iarraidh air dithis à bhaisteach ruith air latha à bhaisteach nam beatha fhèin agus tha neach-cunntais air bòrd airson an cumail ceart!
Air Latha na Sà baid sa tighinn - 9 Giblean - bidh 100 bliadhna ga chomharrachadh bhon a thòisich Batal Arras ann an Ceann a' Tuath na Frainge aig à m a' Chiad Chogaidh Mhòir. Mhair am blà r sia seachdainean agus chaill na ceudan mhìltean air gach taobh dhen t-strì am beatha. Bho chionn trì bliadhna thadhail Coinneach air Arras agus air na tunailean fon talamh anns an robh na saighdearan. Na chuideachd bha Dòmhnall-Iain Mac Aonghais agus Mìcheal Klevenhaus. An-diugh mar chomharra air Latha na Sà baid sa tighinn tha cothrom eile agaibh èisteachd riutha.
Gach seachdain an-drà sta tha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' ruith air sgeulachd-beatha Ghà idheil urramach ach air nach eil mòran aithne againn. An-diugh sgeulachd Uilleam Shepherd Moireasdan (1893-1961), fear-poilitigs Tòraidheach a bha na Fhear-gairm ann an Taigh nan Cumantan agus a thà inig gu bhith na Àrd-Riaghladair air Astrà ilia.
Agus cò ris a bhios obair sgrìobhaiche coltach ann an còig thar fhichead bliadhna eile? bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Wed 5 Apr 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 5 Apr 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal