Coinneach Dimà irt.
A bheil Iomairt na Sìth ann an Èirinn a' Tuath ann an cunnart tuiteam às a chèile. Kenny asks if Northern Ireland's peace process is in danger of collapsing.
An-diugh, le Èirinn a' Tuath ann an staing phoilitigeach, tha sinn a' faighneachd am bheil Iomairt na Sìth ann an cunnart?
An t-seachdain sa chaidh, chuir SpaceX, companaidh fà nais phrìobhaideach, rocaid a bh' air a bhith anns na speuran roimhe suas a-rithist. Tha seo na cheum mhòr dhaibh's iad ag amas, uaireigin, air luchd-turais a thoirt mu chuairt na Gealaich agus gu Mars. Gheibh sinn an tuilleadh a-mach mu SpaceX agus mu cheannard na companaidh, Elon Musk, bho Iain MhacIlleathain a tha gu math eòlach air gnothaichean co-cheangailte ris na speuran.
La na Gocaireachd - a bheil daoine fhathast a creidsinn an gocaireachd a bhios a-nochdadh gach bliadhna no a bheil sinn air fàs ro eòlach? 'S iomadh rud a-nochd anns na naidheachdan air an deireadh sheachdain agus comharra ga dhèanamh cuideachd air trì fichead bliadhna bhon a chaidh car a thoirt à daoine air an telebhisean airson a' chiad turas! Cluinnidh sinn mu chuid den ghocaireachd as fheà rr a chòrd ri daoine agus mu choin ionnsaichte an Eilean Sgiathanaich.
Thèid ìomhaigh de bhoireannach a' thogail airson a' chiad uair ann an Ceà rnag na Pà rlamaid ann an Lunnainn. 'S ise Millicent Fawcett (1847-1929) a rinn strì airson còirichean-bhòtaidh fhaighinn do bhoireannaich. Bidh a h-ìomhaigh stèidhichte ri taobh ìomhaighean Winston Churchill agus Nelson Mandela. Tha Seonag Ahmed-Nicfhionghain ann an còmhradh ri Coinneach mu sgeulachd-beatha Millicent Fawcett. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tue 4 Apr 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 4 Apr 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal