An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois
Còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois. A Gaelic service with Rev Alasdair MacAulay, Tain and Fearn Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 46: 1 air fonn Stroudwater agus 's e Ruairidh MacÌomhair a tha os cionn na seinn a chaidh a chlà radh ann an Ionad nan Seann Daoine ann an Steòrnabhagh
Salm 16: 8-9 air fonn Kilmarnock agus 's e Aonghas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chà rlabhaigh
Salm 31: 23-24 air fonn St David agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chnuic.
Leughadh: Eabhraidhich 12: 1-13
Ceann-teagaisg Eabhraidhich 12: 13
Thà inig atharrachadh spioradail ann am beatha Alasdair nuair a bha e dà bhliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh.
Tha e pòsta aig Mà iri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha iad le chèile air an cumail trang leis an teaghlach, Cairistiona, Lùc, Emma, Kate agus an ogha aca Demi. Bha Alasdair agus Mà iri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann fhad 's a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Ògmhios 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal.
A bharrachd air uallaichean a' choitheanail, bidh Alasdair a' dèanamh obair ann an grunn sgoiltean san sgìre agus tha Mà iri, a bhean, ag obair gu saor-thoileach còmhla ri mà thraichean òga.
Last on
An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh
Broadcasts
- Sun 2 Apr 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Apr 2017 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Aug 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Aug 2017 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal