Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm

Seirbheis còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm. Gaelic religious service conducted by Army Chaplain, Rev Hector MacKenzie.

Anns an t-seirbheis an-diugh cluinnidh sibh na sailm agus laoidh a leanas:
Salm 102: 16-18 air fonn Bangor agus 's e Dòmhnall MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Allt-Bheithe
Salm 72: 17-19 air fonn Torwood agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho luchd-seinn nan sailm ann an Stafainn
An laoidh Cia Domhain Gràdh an Athar air a sheinn le Donaidh Murdo Macleòid.

Leughadh: Marcus 3: 31-35

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh tha e na phadre san Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ri Na Highlanders agus tha e a-nise ann an Colchester ann an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.

Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e a' cluich iomain, a' sreap nam beann nuair a bhios an cothrom aige agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus ann an dualchas is eachdraidh nan Gàidheal.

30 minutes

An t-Urr Eachann MacCoinnich

An t-Urr Eachann MacCoinnich

Broadcasts

  • Sun 26 Mar 2017 09:00
  • Sun 26 Mar 2017 15:00
  • Sun 9 Jul 2017 09:00
  • Sun 9 Jul 2017 15:00