Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 140

Deasbad an Taigh nan Cumantan air bhòt do bhoireannaich agus fios mu chòirichean fearainn. Events of WW1, including parliament debating votes for women, and land rights in Lewis.

Air an 29mh den Mhàrt 1917 chaidh deasbad a chumail ann an Taigh nan Cumantan mu ath-leasachadh bhòtadh far an do dh'innis an seann Phrìomh Mhinistear Liberalach, Herbert Asquith gun robh e air inntinn atharrachadh agus gum bu chòir a' bhòt a thoirt do bhoireannaich. Am measg nan adhbharan a thug e seachad airson inntinn atharrachadh bha an obair a bha boireannaich air a dheànamh sa chogadh.

Nas fhaisge air an taigh b' e còraichean fearainn bu mhotha a bh' air aire saighdearan à Leòdhas a bha air sgrìobhadh gu Bòrd an Àiteachais ag iarraidh gum biodh fearann air a ghealltainn dhaibh an uair a bhiodh an cogadh seachad. Nochd litir mar fhreagairt ann an Gaseat Steòrnabhaigh aig deireadh na seachdain seo ann a 1917. Cluinnidh sinn bho Ghilleasuig MacDhòmhnaill dè a bh' innte.

10 minutes

Last on

Fri 31 Mar 2017 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 30 Mar 2017 21:00
  • Fri 31 Mar 2017 11:50