Episode 139
An Asturias dha cur fodha agus oidhirp le sianar Leòdhasach airson faighinn gu searmon. The events of WW1, including the sinking of the hospital ship Asturias.
Thà inig droch naidheachd eile aig muir air an 21mh den Mhà rt 1917 leis an t-soitheach ospadail, Asturias dha cur fodha le torpìodo Gearmailteach far Rubha Start faisg air Devon. Bha an Asturias air seirbheis fhaicinn aig Gallipoli, an Èipheit agus Salonika a' toirt shaighdearan a bh' air an leòn gu sà bhailteachd, nam measg an sgrìobhaiche ainmeil J.R.R Tolkien a dh'fhuiling le fiabhras-trainnse aig Blà r an Somme. Bha i air a slighe bho Avonmouth gu Southampton às dèidh mìle saighdear leònte a chur air tìr an uair a chaidh a bualadh leis a' bhà t-aigeil Gearmailteach UC-66. Gheibh sinn fios bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair.
Latha na Sà baid, an 18mh den Mhà rt 1917, tha leabhar-latha Dhòmhnaill MhicÌomhair, Dòmhnall a' Bhotch à Tolastadh bho Thuath an Leòdhas ag innse mu na h-oidhirpean a rinn e fhèin 's a charaidean faighinn gu tìr bhon t-soitheach aca a bh' air acair far Malta airson faighinn gu seirbheis eaglais ann an Valetta. Cluinnidh sinn cuideachd mar a chaidh seirbhis Ghà idhlig a chur air dòigh dhaibh às dèidh sin.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 230317
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 23 Mar 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 24 Mar 2017 11:50Â鶹Éç Radio nan Gà idheal