Episode 46
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Chaidh am bà ta-siubhail, SS Laconia, a chur fodha air an 25mh den Ghearran 1917, rud a bha dol a thoirt buaidh fhathast air eachdraidh a' Chogaidh.
Bhuaileadh an Laconia le dà thorpìodo on bhà t-aigeil Ghearmailteach, SM U-50, mu 10 mìle-mara an iar-thuath air taigh-sholais Fastnet. Bha an Laconia ann an seirbheis na Nèibhidh aig toiseach a' Chogaidh ach chaidh i air ais gu Cunard as t-samhradh 1916. An t-seachdain seo, bha i tilleadh à Ameireaga le 70 luchd-siubhail is còrr is 200 de chriutha air bòrd. Chaill dusan am beatha, sianar sheòladairean agus sianar luchd-siubhail. Am measg an luchd-siubhail bha dithis Ameireaganach, boireannach à Chicago is an nighean aice. Thug seo buaidh mhòr air beachd dhaoine an Ameireaga air a' Chogadh, gu h-à raidh on a thachair gu robh fear-naidheachd on Chicago Tribune air bòrd an Laconia a bha a' cur naidheachdan dhachaigh mu na thachair. Cluinnidh sin bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a ghabh Ameireaga ris na thachair.
Rinn Breatainn, an Fhraing agus a' Ghearmailt adhartas ann an diofar phà irtean den Fhraing sa chiad seachdain den Mhà rt 1917. Ann an Ameireaga, thug Woodrow Wilson seachad a bhòidean mar Cheann-suidhe trà th air an t-seachdain agus ann an òraid a rinn e air a' chòigeamh latha mhìnich e poileasaidh Ameireaga a thaobh a' Chogaidh - 's e sin 'armed neutrality' - a dh'aindeoin 's gu robh buidheann ann an Seanaid na dùthcha a' feuchainn ri stad a chur air.
Bha sgeulachd thiamhaidh aig Gazette Steòrnabhaigh air an 9mh den Mhà rt 1917, ag innse mu sheòladairean à Tolastadh bho Thuath a bha aig an taigh air fòrladh. Cha b' e naidheachd mhath a bha feitheamh air a h-uile duine aca.
Cha robh cùisean air a bhith dol le arm na Ruis san fharsaingeachd sa chogadh agus bha daoine aig an taigh air fàs mì-thoilichte le riaghaltas an Tsar. Thà inig cùisean gu ceann air an dara là deug den mhìos nuair a bhrist Ar-a-mach mòr na Ruis a-mach.
Aig muir air an 11mh den Mhà rt 1917 bha an SS Horngarth air a slighe à Montevideo dhachaigh a Phlymouth le luchd de chruithneachd Innseanach. Air a' chuibhle mu mheadhan-là bha Domhall Macleòid , Dòmhnall Uilleim à Borghastan an Cà rlabhagh. Chunnaic iad soitheach air fà ire a' tighinn aig astar 's iad caran amharasach an toiseach leis an astar a bh' aice air là cho ciùin ach chunnaic iad an uairsin gur e Union Jack a bha rithe. Ach cha b' fhada gun deach a tarraing a-nuas agus bratach Cabhlach na Gearmailt a chur suas. Cluinnidh sinn mar a thachair.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 20 Mar 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 20 Mar 2017 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Mar 2017 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal