Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.

Air an 3mh den Ghearran 1917, bhris na Stàitean Aonaichte na ceanglaichean dioplòmasach a bh' aice leis a' Ghearmailt. Bha seo an dèidh dha bàtaichean-aigeil Gearmailteach an soitheach Ameireaganach, Housatonic, a chur fodha. Cha robh an suidheachadh air a dhèanamh dad na b' fheàrr leis an naidheachd gun deach soitheach Ameireaganach a chall ann an Caolas Shasainn.
Agus, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse, mu dheireadh thall ràinig Iseabail Ros Serbia 's mar a chluinneas sinn bho a leabhar-là, bha i air a dòigh.

A thilleadh air naidheachdan mun t-sabaid air feadh an t-saoghail gheibh sinn beachd air an taic a bh' aig an taigh a thaobh a' Chiad Chogaidh. Cluinnidh sinn mu litir à Pàipear an Òbain a bha ag iarraidh airgead a chuireadh ri iomart airson prìosanaich cogadidh à Èarra-Ghàidheal; mu shanas a bha faighneachd an robh thu air cuideachadh leis am 'Big Push' agus mar a dhèanadh tu sin le War Loan; mar a bha am Morair Devenport, Neach-Riaghlaidh a' Bhìdh, a' moladh cuingealachadh air na bha muinntir Bhreatainn ag ithe agus mar a bha an Rìgh Seòras a' moladh a' Mhailisidh agus na bha airson cuideachadh gu saor-thoileach ann an dòighean eile mur a b' urrainn dhaibh a bhith a' sabaid.

Rugadh an Caiptean Dòmhnall MacRath ann am Ploc Loch Aillse agus aig an àm seo ann a 1917 bha e air long-chogaidh a bha dìreach air ruighinn Alexandria as an Èipheit, far an robhas ag ullachadh airson an ionnsaigh air Palestine. Nuair a ràinig iad, bha h-uile coltas gu robh luchd-brathaidh as an àite oir cha robh long a dh'fhàgadh Alexandria nach robh bàt'-aigeil Gearmailteach a' feitheamh oirre. Chaidh ceud duine armaichte a chur fo chommand Dhòmhnaill is chaidh iarraidh air an luchd-brathaidh a lorg. Bha an sgeulachd aig Calum MacLeòid, a thog an rathad ainmeil ann an Ratharsair, agus cluinnidh sinn i ann an cuideachd Ghilleasbuig MhicDhòmhnaill.

30 minutes

Last on

Sun 5 Mar 2017 13:00

Broadcasts

  • Mon 27 Feb 2017 12:00
  • Mon 27 Feb 2017 22:00
  • Sun 5 Mar 2017 13:00