Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais, Paraiste Eaglais Ghairbraid, Glaschu
Seirbheis còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais, Paraiste Eaglais Ghairbraid, Glaschu. A service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Parish Church, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm a leanas:
Salm 121: 15-16 agus 's e Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu a bha seinn.
Salm 72: 18-19 air fonn Stornoway agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
A' seinn an laoidh 'Cia Domhain Grà dh an Athar Dhuinn' tha Donaidh M MacLeòid agus a' seinn Laoidh Naomh Prainnseas tha Seumas Caimbeul.
Leughadh : Habacuc 3: 1-19
Ceann-teagaisg: Habacuc 3
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air paraiste Gairbraid ann an sgìre Mary Hill. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire aig Comataidh Ghà idhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies' - sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-là ithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.
Last on
An t-Urr Dòmhnall M MacAonghais
Broadcasts
- Sun 19 Feb 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Feb 2017 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal