Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Ronnie Moireasdan, an Eaglais Shaor - 2004

Seirbheis bho 2004 còmhla ris an Urr Ronnie Moireasdan, an Eaglais Shaor. A Gaelic archive service from 2004 with Reverend Ronnie Morrison, Free Church.

Bha Mgr Moireasdan na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois bho 1999 gu 2010. Ged a tha e air a dhreuchd a leigeil seachad tha e fhathast a' fuireach san sgìre.
Rugadh Mgr Moireasdan ann an Ceann Loch Iù ann an 1945. Na òige ghluais an teaghlach gu Ach Ille Bhuidhe far an deach e dhan sgoil an sin airson ùine ghoirid mus do ghluais iad an uairsin a Sgalpaigh ann an 1954. Bha ùidh mhòr aig Mgr Moireasdan ann am bàtaichean agus ann an iasgach agus bha e san àite cheart airson sin, ach bha aige cuideachd ri oidhirp mhòr a dhèanamh a' Ghàidhlig ionnsachadh agus thairis air na ceithir bliadhna a bha e ann an sin rinn e an gnothach air sin a dhèanamh.
À Sgalpaigh chaidh iad a bhaile mhòr Ghlaschu - àite ris a bheil ceangal dlùth aige fhathast agus bha e an sin gus an do dh'fhàg e an sgoil aig còig bliadhna deug.
Às dèidh an sgoil fhàgail bha e ag obair ann an roinn chlò-bhualaidh son ochd bliadhna deug gus an do ghabh teicneòlas thairis cùisean. Nochd diofar obraichean as dèidh sin ach cha do stad e gus an deach e air ais dhan cholaiste agus dhan oilthigh agus cheumnaich e. Às dèidh ceumnachadh aig oilthigh Ghlaschu chaidh Mgr Moireasdan gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann son trèanadh a bhith na mhinistear. Fhuair e gairm gu coitheanal Ghriomasaigh agus Uibhist a Tuath - a' chiad choitheanal aige agus tha ceanglaichean làidir aige ris an sgìre fhathast.
Dh'fhàg e Uibhist às a dhèidh agus shiubhail e na mìltean a-null gu ruige Sydney, Astràilia ann an 1997. Cho fad 's a bha e ann an sin chuir e fhèin agus an t-Urramach Coinneach MacLeòid (à Barabhas ach a tha stèidhichte thall an sin ) air dòigh seirbheis Ghàidhlig agus bha iad gu math fortanach oir bha dithis de bhràithrean Mhgr Moireasdain thall air làithean-saora aig an àm agus iad le chèile air leth math ann a bhith a' cur a-mach na loidhne.
Thill Mgr Moireasdan air ais a dh'Alba ann an 1999 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Bhaile Dhubhthaich far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Joan agus tha dithis chloinne aca - Joanne agus John - agus ceathrar oghaichean. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith cur seachad ùine còmhla ri na h-oghaichean, a' gearradh an fheòir, a' leughadh 's a' coiseachd agus tha ùidh aige ann an càraichean agus bàtaichean agus cluichidh e Sudoku, uill gu ìre air choreigin co-dhiù!!!

30 minutes

An t-Urr Ronnie Moireasdan

An t-Urr Ronnie Moireasdan

Broadcast

  • Sun 12 Feb 2017 21:00