Seirbheis toiseach bliadhna ùr còmhla ris an Urr Jack MacArtair
Seirbheis toiseach bliadhna ùr còmhla ris an Urr Jack MacArtair, nach maireann, bho 2002. A New Year service from 2002 conducted by the late Rev Jack MacArthur, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 67: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 106: 4-5 air fonn Evan agus 's e Dòmhnall Iain MacFhillinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 51: 10-11air fonn St David agus 's e Seumas Shiram a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach Liath ann an Dὺn Èideann .
Leughaidhean: Ieremiah 31: 3-14 agus Ephèsianaich 1: 1-14
Ceann-teagaisg: Ieremiah 31: 10-12
Rugadh Iain Murchadh MacArtair, no Jack mar a b' fheà rr a dh' aithnicheadh daoine e, air an naoidheamh là fichead den Iuchar 1938 ann am baile Mharabhaig an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas. Bha ochdnar anns an teaghlach aca, còignear bhalach agus triùir nighean. Chaidh Mgr MacArtair iompachadh còmhla ri mòran eile ri linn an t-searmonaiche ainmeil, an t-Urr Donnchadh Caimbeul ann an Leòdhas anns na leth-cheudan. Fhuair Mgr MacArtair foghlam ann an Oilthigh Ghlaschu eadar 1957 agus 1959 agus thug e mach dreuchd neach-teagaisg. Chaidh e air ais dhan oilthigh ann an 1963, an turas seo air an t-slighe chun na ministrealachd. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966, coitheanal Cheann Loch Biorbhaidh agus Dhiùranais ann an Cataibh far an robh e a' cumail sheirbheisean Gà idhlig. Ann an 1971 ghluais e a Chà rlabhagh agus fhads a bha e ann an Leòdhas thòisich Comhairle nan Eilean ann an 1974. Bha Mgr MacArtair na chathraiche air Comataidh an Fhoghlaim aig a' chomhairle. Dh'fhà g e Leòdhas ann an 1979 agus chaidh e dhan Ath Leathann san Eilean Sgiathanach. Cha robh e fada an sin nuair a chaidh a thaghadh mar chomhairliche air Comhairle Roinn na Gà idhealtachd agus na chathraiche air Roinn an Fhoghlaim ann a sin cuideachd. Bha Mgr MacArtair aithnichte airson an obair mhòr a rinn e anns na h-Eileanan agus air Ghà idhealtachd airson foghlam agus Gà idhlig.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu ann an 1989 far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgà th a shlà inte ann an 1996. Bha Mgr MacArtair ainmeil mar shearmonaiche a' tà ladh sean is òg chun na seirbheisean aige agus bha e cuideachd ainmeil mar neach-poilitigs. Bha e pòsta aig Cathie agus bha dithis nighean agus gille aca. Bhà saich Mgr MacArtair aig aois tri fichead sa ceithir anns an Dùbhlachd 2002.
Last on
An t-Urr Jack MacArtair
Broadcasts
- New Year's Day 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Jan 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jan 2024 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal