Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Seumas MacNèill le seirbheis airson Là nan Trì Rìghrean

Seirbheis airson Là nan Trì Rìghrean còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill. Canon James MacNeil conducts a service for the Feast of the Epiphany.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is leughaidhean a leanas:
Ainglean Chuala sinn gu h-Àrd le Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu
Kyrie le Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh
Tha Sinn a' Seasamh aig an t-Soisgeul le sgoilearan Sgoil Lionacleit
Rachamaid do Thaigh an Tighearna le Emma NicAonghais
Leanabh an Àigh le Còisir Loch a' Tuath
Adeste Fideles le Pòl MacCaluim.

Leughaidhean:
Isaiah 60: 1-6
Ephèsianaich 3: 2-3 & 5-6
Soisgeul Mata 2: 1-12.

Rugadh Mgr. Seumas air Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn. Roimhe sin, bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Fadhla agus ann am Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.

Bha Mgr. Seumas na Iar-Easbaig air Sgìr-easbaig Earra-Ghàidheail agus nan Eilean gu bho chionn ghoirid agus tha e fhathast stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban.

Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith a' leughadh agus a' coiseachd.

30 minutes

An Canan Seumas MacNèill

An Canan Seumas MacNèill

Broadcasts

  • Sun 8 Jan 2017 09:00
  • Sun 8 Jan 2017 15:00