Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgàil a' Bhàis - Cuid de chleachdaidhean a' dol à bith

Sreath a' beachdachadh air a' bhàs a tha na cheann-uidhe aig gach duine againn. A series of reflections on the subject of death.

Anns a' phrògram mu dheireadh san t-sreath de Sgàil a' Bhàis, tha Jo NicDhòmhnaill a' toirt sùil air mar a tha cuid de chleachdaidhean co-cheangailte ris a' bhàs a' dol à bith. Cluinnidh sinn mu nithean leithid aodach a' bhròin, bonaidean sònraichte a bhiodh air na banntraichean agus na fir cuideachd a' comharrachadh bròn le bann dubh air muinichill còta anns na seann làithean.

Tha Màiri Anna Ghreumach, a chaidh a fàgail na banntrach ann an 1982, a' mìneachadh cò ris a bha e coltach dhìthse a bhith air a h-èideadh ann an aodach dubh a' bhròin, latha an dèidh latha an dèidh latha. Bha uair ann cuideachd is cha bhiodh boireannaich a' dol dhan chladh ach tha sin air atharrachadh thairis nam bliadhnaichean, mar a dh'innseas Iain MacFhionghain agus Niall MacFhionghain à Ealaghol dhuinn.

Bha corra bhàrd ann a sgrìobh na facail a th' air an leac-uaghach aca fhèin, leithid Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Mgr Iain Mac a' Mhaoilein à Barraigh agus Alasdair Fearghasdan, Bàrd Chliubhair anns na Hearadh. Ach tha fasain a thaobh leacan air atharrachadh cuideachd, mar a mhìnich Jon Hearach Dòmhnallach aig a bheil deagh èolas air a bhith a' dèanamh agus a' caradh leacan-uaighe do Jo.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 1 Dec 2016 12:00
  • Thu 1 Dec 2016 22:10
  • Sun 4 Dec 2016 09:30
  • Mon 16 Apr 2018 12:00
  • Mon 16 Apr 2018 22:00
  • Sun 22 Apr 2018 13:00