Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgàil a' Bhàis - Ullachadh a dh' fhaodadh duine a dhèanamh, tiomnadh mar eisimpleir

Sreath a' beachdachadh air a' bhàs a tha na cheann-uidhe aig gach duine againn. A series of reflections on the subject of death.

Anns an dàrna prògram mu dheireadh san t-sreath Sgàil a' Bhàis bidh Jo NicDhòmhnaill a' beachdachadh air an seòrsa ullachadh practaigeach a dh' fhaodadh duine a dhèanamh mu choinneamh an latha a bhàsaicheas sinn, ullachadh a bhios na chuideachadh dhan fheadhainn a tha sinn a' fàgail às ar dèidh. Gheibh sinn beachd san fharsaingeachd bhon Dotair Catrìona NicRath a tha ag obair na dotair teaghlaich ann an Glaschu.

Tha an t-Urramach Dòmhnall Dòmhnallach ag innse mar ghabh e fhèin compàirt ann an seirbheis tiodhlacaidh bho chionn ghoirid far an robh an neach bh'air caochladh air a miann fhàgail sgrìobhte gur e sin bha i ag iarraidh tachairt agus a bharrachd air an sin dh'fhàg i fios air dè na sailm a bha i rùnachadh a bhiodh air an seinn. Ach cha bhith sinn a' tachairt ro thric agus cluinnidh sinn sgeulachd phearsanta far an robh teaghlach air am fàgail gun stiùireadh sgriòbhte agus b' fheudar seirbheis a dhealbh iad fhèin.

'S ann air Alasdair MacEacharna, a tha ag obair aig Comhairle nan Eilean, a tha an t-uallach airson cladhan na Comhairle ann an Uibhist agus ann am Barraigh. Tha esan a' toirt comhairle a thaobh mar is urrainn rath-thiodhlac a cheannach agus tha Magaidh NicAoidh a' mìneachadh dè a th' ann an tiomnadh agus cho cudromach 's tha leithid a rud.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 24 Nov 2016 12:00
  • Thu 24 Nov 2016 22:10
  • Sun 27 Nov 2016 09:30
  • Mon 9 Apr 2018 12:00
  • Mon 9 Apr 2018 22:00
  • Sun 15 Apr 2018 13:00