Main content
This programme is not currently available

Am Pìobaire Uilleam Labhraidh

Ceud bliadhna bho bhàs, cuimhneachan air beatha a' phìobaire Uilleam Labhraidh. A commemoration of the life of renowned piper PM Willie Lawrie, who died in the First World War.

Bha Uilleam Labhraidh à Baile a' Chaolais air fear de shàr phìobairean na Gàidhealteachd. Tha na puirt a rinn e am measg cuid de na puirt as ainmeile ann an ceòl na pìoba : puirt leithid The Pap of Glencoe, Captain Carswell, Mrs MacDonald of Dunach agus John MacDonald of Glencoe.
Aig àm a' chogaidh bha Labhraidh san Fhraing is e na Mhàidsear na Pìoba aig rèiseimeid Earra-Ghàidheal is Shutharlainn. Ann an 1916, ceud bliadhna bhon àm seo fhèin, chaochail e ann an ospadal ann an Sasainn. Airson beatha Uilleim a chomharrachadh tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' bruidhinn ri triùir - Griogair Labhraidh, Ùisdean MacIllFhinnein agus Ailean Dòmhnallach - mu bheatha Uilleim agus mu na puirt a dh' fhàg e às a dhèidh.

30 minutes

Last on

Mon 2 Jan 2017 12:33

A' phìob-mhòr aig Uilleam Labhraidh

A' phìob-mhòr aig Uilleam Labhraidh
A' phìob-mhòr aig Uilleam Labhraidh ann an Taigh-Tasgaidh Rèisimeid Earra-Ghàidheal is Chataibh ann an Caisteal Shruighlea.

An Uaigh aig Uilleam Labhraidh

An Uaigh aig Uilleam Labhraidh

An Uaigh aig Uilleam Labhraidh

An Uaigh aig Uilleam Labhraidh

Broadcasts

  • Mon 28 Nov 2016 12:00
  • Mon 28 Nov 2016 22:00
  • Sun 4 Dec 2016 13:00
  • Mon 2 Jan 2017 12:33