Episode 40
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Am measg naidheachdan a' chogaidh air an t-seachdain sa aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill tha call HMS Genista. Bha i a' sguabadh na mara airson mèinnichean bhar Cost an Iar Èirinn nuair a chaidh a bualadh le torpìodo o bhà t-aigeil air an 23mh den Dà mhair, agus chaidh i fodha gu luath. Chaidh dusan seòladair a shà bhaladh ach chaidh an còrr den chriutha a bhà thadh. Nam measg bha Dòmhnall MacAoidh, Dòmhnall Chaluim Dhòmhnaill à Port nan Giùran san Rubha ann an Leòdhas. Cluinnidh sinn nach bu bheag a bha dha chaoidh aig an taigh.
Air oidhche an 26mh den Dà mhair 1916 thug 23 de na bà taichean-torpìodo Gearmailteach a bha stèidhte sa Bheilg ionnsaigh air an Dover Barrage, a bha a' dìon a' chuid sin den Chaolas Shasannach. Cha robh a' cumail geà ird aig an à m ach seann bhà ta-cogaidh, HMS Flirt, agus sia bà taichean-iasgaich a bha an Nèibhidh air a ghabhail thairis. Loisg na bà taichean Gearmailteach orra le gunnaichean is torpìodothan agus chaidh HMS Flirt fhèin, na sia bà taichean-beaga a bha i dìon, agus bà ta-carago a chur fodha. Chaidh dà fhichead is a còig seòladair Breatannach a bhà thadh agus deichnear a chur an greim. Bha Cailean Camshron à Muile air bòrd HMS Flirt agus bha e am measg na chaidh a mharbhadh.
Air 28mh den Dà mhair 1916 chaidh HMHS Galeka a dhroch mhilleadh le mèinn far cladach Le Havre san Fhraing agus a cur air a' chladach. Bha e an aghaidh Cùmhnant Hague bà taichean-eiridinn a chur fodha ach bha a' Ghearmailt a' cumail a-mach gu robh Breatainn a' cleachdadh bhà taichean mar HMS Galeka airson saighdearan nach robh leòinte a ghiùlan cuideachd. Cluinnidh sinn mar a tachair dha na bha air bòrd.
Agus 's e bà ta-carago a bha anns an SS Marina, ged a bha gunnaichean-aotrom oirre airson i fhèin a dhìon. Bha i air a slighe eadar Glaschu agus Baltimore anns na Stà itean nuair a bhuail torpìodo o bhà t-aigeil i air an aon là , mu dheich mìle fichead an iar air Fastnet. Chaidh ochd seòladair deug a bhà thadh, nam measg Eachann Camshron Brown, Eachann Sheòrsa Brùn, à Baile Mhuileann ann an Tiriodh. Cluinnidh sinn earrann à litir thiamhaidh a chuir e dhachaigh gu mhà thair goirid mus do bhà saich e.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 14 Nov 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 14 Nov 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Nov 2016 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal