Episode 39
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a chaidh an Zeppelin Gearmailteach L-31, a sgrios faisg air ceann a tuath Lunnainn air a' chiad là den Dà mhair 1916. Bha am pìleat aice, Heinrich Mathy, ainmeil, chan ann a-mhà in anns a' Ghearmailt ach cuideachd ann am Breatainn. Bha e aithnichte mar am pìleat bu dà ine, 's dòcha bu chunnartaich, a bh' air na Zeppelins a thug ionnsaighean air Lunnainn san t-Sultain agus san Dà mhair, 1915. Rinn e an tuilleadh milleadh san Lùnastal 1916, ach an turas seo, chaidh L-31, an Zeppelin aige, a thoirt gu talamh faisg air Potter's Bar.
Cluinnidh sinn cuideachd mar a fhuair Iseabail Ros sgrìob a-mach as a' chidsin ann an Ostrovo an ceann a tuath na Grèige, far an robh an t-ospadal aig a' bhuidheann dha robh i ag obair - Aonad Ospadal nam Mnathan Albannach. Ach bha droch naidheachd air fà ire dhan sgioba.
Bha naidheachd ann an Tìm an Òbain san Dà mhair 1916 mu chall dithis san aon teaghlach goirid dha chèile sa chogadh. B' iad seo na gillean aig May Margaret, nighean Dhòmhnaill Dhòmhnaill Ruaidh, a' bhantrach aig Tormod Aonghais Dhonnchaidh à Àird a' Mhachaire. Chaidh Donnchadh, aois còig bliadhna fichead, a mharbhadh sa Fhraing air a' cheathramh latha deug den Iuchair. Chuir a bhrà thair Dòmhnall, a bha a' sabaid dìreach ri thaobh, brath dhachaigh ag innse gu robh bàs Dhonnchaidh obann, gun chrà dh. Aon latha deug an dèidh bàs Dhonnchaidh, chaidh Aonghas, aois bliadhn' air fhichead, a mharbhadh.
Agus bha am bà t'-aigeil Gearmailteach U-53 a' dèanamh call bho stiùir Hans Rose nuair a sgrios i còig soithichean a-mach bho Newport Rhode Island.
Ged nach deach beatha a chall, chuir an ionnsaigh seo eagal air Breatainn chionns gun do thuig iad an t-astar a rachadh bà taichean-aigeil na Gearmailt. Chuir e fearg air na h-Ameireaganaich chionns gun do thachair e cho faisg air na cladaichean aca.
Ann am Breatainn air an 19mh den Dà mhair chaidh an naidheachd ma sgaoil gu robh an Alaunia, soitheach le Cunard, air a cur fodha le mèinn a-mach bho Hastings ann a Sussex. Bha an Alaunia air a cleachdadh bho à m gu à m airson saighdearan a ghiùlain bho à ite gu à ite. Bha i ann an Gallipoli is on uairsin bha i air a bhith a' toirt shaighdearan à Canada agus Ameireagaidh a-null dhan Roinn Eòrpa. Air turas a crìch, bha i air an t-slighe à New York gu Lunnainn le 180 luchd-siubhail air bòrd agus mu 8,000 tunna carago. Cluinnidh sinn dè a thachair dhi.
Ann a Washington dh'aidich an luchd dioplòmasach aig a' Ghearmailt gu robh am bata-aigeil coimearsalta aca, am Bremen, air a call.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 24 Oct 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 24 Oct 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Oct 2016 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal