An t-Urr Tormod MacSuain nach maireann, Àrd-eaglais Steòrnabhaigh
Còmhla ris an Urr Tormod MacSuain nach maireann, Àrd-eaglais Steòrnabhaigh ann an 1992. Conducted by the late Rev Norman MacSween, recorded at Stornoway High Church in 1992.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is na leughaidhean a leanas:
Salm 65 : 1-2 air fonn Evan agus 's e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn.
Salm 103: 3-5 air fonn Stornoway agus 's e Dòmhnall M Fearghasdan a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh.
Leughadh: Leabhar Gnìomharan nan Abstol 7:54-60 agus 8: 1-8
Ceann-teagaisg: Leabhar Gnìomharan nan Abstol 8: 5
B' ann do dh'Eilean Sgalpaigh a bhuineadh an t-Urr Tormod MacSuain. Rugadh e anns a' Ghiblean 1920. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil lean e ann an lorgan athar agus, mar iomadach Sgalpach eile, chaidh e a dh'iasgach, gnìomhachas a bha gu math soirbheachail aig an à m sin air an eilean.
Leig e seachad obair an iasgaich ann an Sgalpaigh agus chaidh e a-staigh airson na ministrealachd. Seach gun do dh'fhà g e an sgoil aig 14 bha obair aige ri dhèanamh airson teisteanas fhaighinn a leigeadh leis a dhol dhan cholaiste airson trèanadh. Le cuideachadh is taic bho mhaighstir-sgoile an eilein, tidsearan agus ministear an à ite, fhuair e air e fhèin ullachadh airson a dhol gu Colaiste Skerry, far an d'fhuair e teisteanas a thug dhan oilthigh e.
Chaidh e a dh'Oilthigh Dhùn Èideann agus an uair sin gu Colaiste na Diadhachd airson trì bliadhna.
Thoisich Mgr MacSuain na dhreuchd mar mhinistear ann an Eilean Bharraigh. Lean an cà irdeas eadar e fhèin, agus a bhean Sophie, ri muinntir an à ite airson ùine mhòr às dèidh dhaibh an t-eilean fhà gail, agus bha meas mòr aig muinntir Bharraigh air Mgr MacSuain.
Thairis air na bliadhnaichean a bha e a' searmonachadh chuir Mgr MacSuain seachad ùine ann an coitheanalan ann an Earra-Ghà idheal, sna Hearadh agus mu dheireadh ann a sgìre Cheann Loch ann a Leòdhas. Leig e seachad a dhreuchd às dèidh sin.
Ged a bha e air a dhreuchd mar ministear-paraiste a leigeil seachad, bha e air leth trang na sheaplain aig Ospadal Leòdhais agus air Ospadal nan Eilean airson iomadach bliadhna. Bha luchd-obrach is luchd-frithealaidh an ospadail measail air Mgr MacSuain airson an seòrsa duine a bh' ann agus an nà dar a bh' aige. Bha ùidh mhòr aig Mgr MacSuain cuideachd anns a' Ghà idhlig.
Bha e pòsta aig Sophie agus bha triùir theaghlach aca - nighean agus dithis ghillean. Bhà saich Mgr MacSuain anns a' Chèitean 2008 agus bhà saich a bhean Sophie anns a' Mhà irt 2015.
Last on
An t-Urr Tormod MacSuain
Broadcasts
- Sun 12 Jun 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Oct 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Apr 2020 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Apr 2022 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal