Iain EÃ irdsidh Mac a' Mhaoilein
Seirbheis còmhla ri Iain Eà irdsidh Mac a' Mhaoilein. Gaelic religious service conducted by John Archie MacMillan.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean, salm is an leughadh a leanas:
Thighearna ar Dòchais le Donnie M MacLeòid, O Iosa bi 'n còmhnaidh air m' aire gach uair le Catriona Anna Nic-a-Phì, Salm 84 agus O Thoir Mi null gud Chridhe Naomh le Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh.
Leughadh:Lucas 9: 28-36
Rugadh agus thogadh Iain Eà irdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spà inn airson sia bliadhna. Thà inig e a-mach na shagart anns an Ògmhios, 1971. Bha e na shagart ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeidh. Bha Iain Eà irdsidh ag obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh daoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd là n-ùine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh le bhean, Mà iri, agus an dithis theaghlach, Harriet agus Mata. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-à raid dhan Eadailt, far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bhiodh e ag èisteachd ri clà raidhean den chà nan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh - gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spà innteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghà idhlig.
Bidh Iain Eà irdsidh os cionn nan seirbheisean Gà idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann uair sa h-uile sia gu ochd seachdainean.
Last on
Iain EÃ irdsidh Mac a' Mhaoilein
Broadcasts
- Sun 12 Jun 2016 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jun 2016 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal