Blà r an Somme
Dòmhnall MacGilleMhoire a' meòrachadh air Blà r an Somme far na thuit brà thair a sheanmhar air a' chiad là den bhlà r. Donald Morrison reflects on the Battle of the Somme.
Tha a' chiad là de bhlà r an Somme air a' chiad là den Iuchar 1916 aithnichte mar an là a b' fhuiltiche riamh sa Chogadh Mhòr.
Chaidh trì fichead mìle duine a mharbhadh neo a leòn air a' chiad là sin. Am measg nam marbh bha Uilleam MacAoidh à Adabroc, Nis, Leòdhas agus Murchadh MacGriogar à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas. Tha Dòmhnall Uilleam MacGilleMhoire, a tha a' giulan ainm Uilleim MhicAoidh, brà thair a sheanmhar, a' meòrachadh air a' bhlà r agus a' coinneachadh ri Babs NicGriogair, ogha de bhrà thair Mhurchaidh MhicGriogair. Tha iad le chèile a' coimhead airson a' chiad uair air an fhiolm Battle of the Somme, a chaidh a dhèanamh anns na là ithean ron an ionnsaigh mhòr agus air a'chiad là den bhlà r. Nochd am fiolm seo dìreach beagan is mìos an dèidh a dhèanamh ann an taighean-deilbh air feadh Bhreatainn agus chaidh mu fhichead millean duine ga fhaicinn fhads a bha am blà r fhathast a' dol san Fhraing as t-samhradh 1916.
Last on
Clip
-
Blà r an Somme: Babs NicGriogair
Duration: 02:00
Puing Stad / Bullet Points
Ciad Puing...is abair luaths!
saighdear a' comhartaich suas nam chluas
muigh leis a' chù 's mi dìreach gabhail anail
aodainn dearga timcheall oirnn 's am fear seo fhathast a' rà nail
Step Up! Step up! Laigh! Ruith! Seas!
FÃ ilte gu PÃ irc nam British Military Fitness
DÃ rna Phuing...duilich a' ghairm
a thug saighdear steach dhan bhun-sgoil moladh cothroman an Airm
Ma tha cogadh air curriculum nach èisd sinn measg an stùr
nam bailtean briste 's craobh na theine, ris an Òigear bruidhinn on Ùir?
cho coltach ri mo mhac, le kalashnikov 's e naoi
'chan eil acras orm air sabaid Ma. Lorg rud nach losgadh chaoidh'
Treas Puing ...chan eil ach single malt
gam chumail blà th aig bus-stop taobh a-muigh The Halt
Ball-coise ann an Kenya, cuairt troimh Belize
Sanas-reic le à itean tarraingeach am meadhan am Big Freeze
Cead-siubhal gu California airson na Training Ops
Ach gheibh thu brògan tacaideach an à ite na Flip - Flops
Ceathramh Puing ...tha obraichean gann
's beag an t-iognadh ma tha thu òg gum bi thu fàs fann
Cha bhi thu eòlach, cleachdte, siubhlach gu leòr
siud balach eile sìos gu Catterick 's a mhà thair bhochd na deòir
Chuir e là imh ri phà ipear agus barail fhèin na peilear
spòrs a nis troimh choilltean far nach deà n an smeòrach ceilear...
Còigeamh Puing ...duilich ri rà dh
suidheadh balach agamsa le Call of Duty fad an lÃ
Tha seòmar-caidil nis na Battlefield is saighdearan na cheann
a' ruith air feadh a bhruadairean 's na srà idean muigh gun chlann
Bidh nà imhdean 'n à ite nà baidhean dèan sùil oirbh bho gach cùil
so glasaibh sìos an uinneag 's dùinibh dorsan air ur dùil
Puing Stad...anns a'bhad!
Tha bomaichean nar sgoiltean, taighean, eaglaisean air fad
Gar dìonadh is gar marbhadh ann an aimn Regina Rex
tick tock tha'n tìde ruith oirnn agus cunnart 's a' Chomplex
Tha là n fhios aig na Gà idheil mu dheidhinn, an seo 's thall air tìr chèin
cur oirnn à paran a' bhuidsear an aghaidh an daoine againn fhèin.
Broadcasts
- Thu 30 Jun 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 30 Jun 2016 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Jul 2016 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal