Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachdan pearsanta

Sgeulachdan pearsanta bho dhà theaghlach mu coimhead às dèidh neach le seargadh-inntinn. Two families share their personal experiences of caring for a loved one with dementia.

Tha mu 90,000 neach ann an Alba a' fulang le seargadh-inntinn no dementia, le suas ri 3200 dhiubh sin fo aois 65. Gach là, cha mhòr, tha sinn a' cluinntinn mun adhartas a thathas a' dèanamh ann a bhith lorg leigheas ach chun an seo chan eil sin ann.

Sa phrògram an-diugh cluinnidh sinn bho dhà theaghlach far a bheilear a' coimhead às dèidh neach air a bheil an tinneas agus tha comhairle aig Catherine NicChoinnich bho mheur ionadail Leòdhais agus na Hearadh dhan bhuidheann Alzheimers Scotland do theaghlach sam bith far a bheil duine le seargadh-inntinn.

30 minutes

Last on

Sun 12 Jun 2016 09:30

Broadcasts

  • Thu 9 Jun 2016 12:00
  • Thu 9 Jun 2016 22:10
  • Sun 12 Jun 2016 09:30