02/06/2016
Prògram a' comharrachadh seachdain sònraichte airson aire a tharraing gu seargadh-inntinn eadar 30 Cèitean agus 5 Ògmhios 2016. Documentary focusing on Dementia Awareness Week.
Ann an 2016, tha timcheall air 90,000 neach ann an Alba a' fulang le seargadh-inntinn no dementia, agus tha suas ri 3,200 dhuibh sin fo aois 65.
Air an t-seachdain seo, tha buidhnean leithid Alzheimer Scotland agus buidhnean slà inte agus cùram eile airson aire a thoirt gu dementia.
Tha iad an dòchas gun cuidich seo daoine a tha a' fulang, no an teaghlaichean, le bhith a' faighinn dearbhadh cho trà th 's a ghabhas ma thathas a' smaoineachadh gu bheil trioblaid ann. Agus mas e 's gun tèid a' chùis a dhearbhadh, tha iad airson 's gum faigh iad an dà chuid taic agus fiosrachadh ann a bhith a' gabhail ris an naidheachd, agus tuigse air mar a dh'fhaodadh cùisean a bhith san ùine a tha air thoiseach orra.
Anns a' phrògram seo, cluinnidh sinn bho agus mu dhaoine a tha a' fulang air sgà th 's dìth na cuimhne, a' bhuaidh a th' aige seo air na teaghlaichean, comhairle bho dhotair, neach-lagha agus iomradh air cuid de na diofar bhuidhnean a tha a' toirt taic seachad ann an iomadh dòigh.
Last on
Broadcasts
- Thu 2 Jun 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 2 Jun 2016 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jun 2016 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal