Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Moireasdan, an Eaglais Shaor Leantainneach 2007

Seirbheis bho 2007 còmhla ris an Urr Iain Moireasdan, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic archive service from 2007 conducted by Rev John Morrison, Free Church Continuing.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 90: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Iain MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Salm 119 49-50 air fonn Torwood agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann

Salm 116: 7-8 air fonn Ballerma agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.

Leughadh: Ròmanaich 4: 1-18
Ceann-teagaisg: Ròmanaich 4: 18

Rugadh agus thogadh an t-Urr Iain Moireasdan ann an Eilean Bheàrnaraigh far an robh athair na mhiseanaraidh. Bha seachdnar anns an teaghlach aca, còignear nigheanan agus dithis bhalach. Bhàsaich athair ann an 1944 agus thill an teaghlach a Sgalpaigh. Às dèidh an sgoil fhàgail chaidh Mgr Moireasdan a dh'obair a Ghlaschu agus chaidh e an uair sin air cùrsa einnseanaireachd gu Colaiste Stow airson dà bhliadhna. Chur e seachad dà bhliadhna aig muir agus thill e air ais a Steòrnabhagh far an do chuir e air chois gnìomhachas einnseanaireachd aig Eilean nan Gobhar ann a Steòrnabhagh. Chaidh iompachadh ann an 1966 tro mhinistrealachd an Urr Iain Moireasdan a bha aig an àm sin os cionn coitheanal Chrois ann an Nis. Chaidh Mgr Moireasdan air ais a Ghlaschu agus gu Oilthigh Ghlaschu agus an uair sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson dreuchd na ministrealachd a thoirt a-mach. Chaidh a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire anns a' Ghearastan ann an 1975. Dh'fhuirich e anns a' Ghearastan gu 1992 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist. Ann an 1999 chaidh a phòsadh ri coitheanal Chille Mhoire gus an do nochd sgaradh anns an eaglais ann an 2000. Dh'fhuirich Mgr Moireasdan ann an Cille Mhoire far an do thog iad eaglais ùr a dh'fhosgail ann an 2006 airson coitheanal na h-Eaglaise Saoire Leantainnich anns a' sgìre. Leig Mgr Moireasdan dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal ann an 2010 agus ghluais e a dh'Inbhir Nis. Mar a thuirt e fhèin, "Cha robh mi riamh cho trang 's a tha mi nise!" Bidh e gu math tric a' searmonachadh ann an coitheanalan thall 's a bhos agus cuideachd tha e a' toirt seachad òraidean ann an seamanaraidh a chaidh a chur air chois ann an Inbhir Nis airson a bhith trèanadh mhinistearan san Eaglais Shaor Leantainneach.
Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' cur seachad ùine anns a' ghàrradh agus a' falbh air a' bhaidhsagail. Tha an nighean aige a' fuireach ann an Cataibh agus bidh e fhèin agus a bhean tric a' dol air chuairt an sin.

30 minutes

An t-Urr Iain Moireasdan

An t-Urr Iain Moireasdan

Broadcast

  • Sun 29 May 2016 21:00