Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm

Seirbheis còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm. Gaelic religious service conducted by army chaplain Rev Hector MacKenzie.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is na leughaidhean a leanas:
Salm 122: 1-2 air fonn London New agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Salm 95: 1-2 air fonn Moravia agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist .
Salm 72: 17-19 aof fonn Walsall agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho luchd seinn nan salm ann an Cille Mhoire.

Leughaidhean : Eabhraidhich 11: 32-40 & 12: 1-3

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh na phadre anns an Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ris na Highlanders is tha e a-nis ann an Colchester an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.
Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e ag iomain, a' streap nam beann nuair a bhios cothrom aige, agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus dualchas 's eachdraidh nan Gàidheal.

30 minutes

An t-Urr Eachann MacCoinnich

An t-Urr Eachann MacCoinnich

Broadcasts

  • Sun 29 May 2016 09:00
  • Sun 29 May 2016 15:00
  • Sun 11 Sep 2016 09:00
  • Sun 11 Sep 2016 15:00