Main content
Sorry, this episode is not currently available

3/3 Iain 'Tonkan' Dòmhnallach - Glaschu agus an uair sin dhachaigh

Ag obair an Glaschu sna 60an air Drochaid Khingston agus gèile mhòr Ghlaschu ann a 1968. The singer John 'Tonkan' MacDonald recalls life in Glasgow in the 1960s.

Tha Iain 'Tonkan' Dòmhnallach air a bhith seinn bhos cuimhne leis agus eadar Alba agus Èirinn, aig farpaisean agus ceilidhean; an tallaichean, taighean-seinnse agus dachaighean-cùram; a' dèanamh foinn agus ag ionnsachadh dhaoin' eile; Gàidhlig neo ceòl- dùthchail chan eil mòran air nach do dh'fheuch e. Ach chan eil a sin ach earrann dha bheatha - bha e aig muir agus air tìr na obair-latha, bha e an luib togail Drochaid Khingston agus chunnaic e sgrios a' ghèile mhòr an Glaschu ann a 1968.

Bho chionn còrr is dà fhichead bliadhna tha e gu math dòigheil, air ais a' fuireach am bàile àraich am Port nan Giùran an ceann shìos a Rubha a Leòdhas.

Chuala sinn an t-seachdain a chaidh mar a bhiodh e a' seinn sa Highlanders Institute, Partick Burgh Hall, agus sa Rex Bar an Glaschu am measg àitichean eile. Thill Tonkan agus a bhean dhachaigh a Phort nan Giùran a Leòdhas ann a 1970 agus, mar a tha e ag innse do Annella Nicleòid, thàinig mòdan agus farpaisean seinn eile às dèidh sin, ach chum an obair là aige a' saorsainneachd an Glaschu a' dol e greiseag ron a sin.

30 minutes

Last on

Sun 1 May 2016 13:00

Broadcasts

  • Mon 25 Apr 2016 12:00
  • Mon 25 Apr 2016 22:00
  • Sun 1 May 2016 13:00