2/3 Iain 'Tonkan' Dòmhnallach - A' seinn
A' tòiseachadh a' seinn air à rd-ùrlar an Glaschu a dh'aindeoin glùinean a' gliogadaich. The nervous start of John 'Tonkan' MacDonald's early singing career.
Tha Iain Tonkan Dòmhnallach air a bhith seinn bhos cuimhne leis agus eadar Alba agus Èirinn, aig farpaisean agus ceilidhean; an tallaichean, taighean-seinnse agus dachaighean-cùram; a' dèanamh foinn agus ag ionnsachadh dhaoin' eile; Gà idhlig neo ceòl- dùthchail chan eil mòran air nach do dh'fheuch e. Ach chan eil a sin ach earrann dha bheatha - bha e aig muir agus air tìr na obair-latha, bha e an luib togail Drochaid Khingston agus chunnaic e sgrios a' ghèile mhòr an Glaschu ann a 1968.
Bho chionn còrr is dà fhichead bliadhna tha e gu math dòigheil, air ais a' fuireach am bà ile à raich am Port nan Giùran an ceann shìos a Rubha a Leòdhas.
Chuala sinn an t-seachdain a chaidh mu bheatha thrà th - mar a chaill e mhà thair na bhalach òg, mar a chum a phiuthar agus athair an dachaigh a' dol, dachaigh a bha toilicht' a dh'aindeoin cùis, agus mar a chaidh e gu muir. An-diugh 's e an t-seinn a tha fa-near dha fhèin agus Annella Nicleòid nan còmhradh. Bhiodh e a' seinn anns a' Highlanders Institute, Partick Burgh Hall, agus anns a Rex Bar an Glaschu, agus airson seinn sna h-à itichean sin dh'fheumadh e thighinn air tìr.
Last on
Broadcasts
- Tue 19 Apr 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 19 Apr 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Apr 2016 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal