Main content
Sorry, this episode is not currently available

Factaraidh Spònais

A' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla ri chèile a-rithist. An-diugh balaich factaraidh na feamad aig Sponais. A reunion with former staff of Sponish seaweed factory.

Còmhla a-rithist - sreath eile de phrògraman air Â鶹Éç Radio nan Gàidheal far a robh sinn a' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla, ri chèile a-rithist.

'S e Iain MacAmhlaigh a tha anns a' chathair san t-sreath seo agus anns na làithean a leanas tha sinn a' tadhal air dùthaich àraich, na h-Uibhistean. Anns a' chiad phrògram, tha Iain a' coinneachadh ri feadhainn a bha uair an sàs ann an obair na feamad aig factaraidh Spònais ann an Uibhist a Tuath.

Bha obair na feamad riamh cudromach anns na h-Uibhistean, bhon a' linn nuair a bha na h-uachdarain a' dèanamh fortan às a' cheilp. 'S e ceum air adhart a bh' ann nuair a dh' fhosgail factaraidh ann an Sponais faisg air Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath ann a 1955. Bha an fhactaraidh a' giollachd na feamad airson sodium alginate a chruthachadh a tha gu feum ann an iomadach dòigh, eadar biadh, clò-bhualadh agus cungaidhean-leighis.

Gu mì-fhortanach, dhùin an fhactaraidh ann an 1986 às dèidh 30 bliadhna de chosnadh a thoirt do iomadach Uibhisteach. Tha Iain air triùir a thoirt air ais còmhla a-rithist a chuimhneachadh air na làithean aca a Sponais : 's iadsan Seonaidh Dòmhnallach, Dòmhnall Mac IllFhialain agus John Neil MacPhàil.

1 minute

Last on

Mon 6 Apr 2020 09:30

Seonaidh Dòmhnallach

Seonaidh Dòmhnallach

John Neil MacPhàil

John Neil MacPhàil

Dòmhnall MacIllFhialain

Dòmhnall MacIllFhialain

Broadcasts

  • Tue 1 Mar 2016 12:00
  • Tue 1 Mar 2016 22:00
  • Sun 6 Mar 2016 10:00
  • Mon 6 Apr 2020 09:30