Criutha a' Suilven - cuairt cuimhneachaidh
A' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla air a' bhà ta-aiseig MV Suilven ri chèile a-rithist. A reunion of the former crew of the MV Suilven.
'S ann a 1974 a thogar am bà ta-aiseig MV Suilven ann an Nìrribhidh dhan chompanaidh Caledonian Mac A' Bhriuthainn, bà ta a bha gu bhith a' frithealadh luchd-siubhail a bha a' seòladh eadar Ulapul agus Steòrnabhagh fad bliadhna thar fhichead.
Timcheall air toiseach nan naochadan ri linn 's gun robh leithid a' cleachdadh na seirbheis seo tarsainn a' Chuain Sgìth cha robh a' Suilven goireasach tuilleadh, bha i ro bheag agus ro shlaodach. Mar sin, chaidh co-dhùnadh am bà ta a reic agus thog i orra air cùrsa eile gu taobh eile an t-saoghail gu ruige Sealan Nuadh far an robh i a' seòladh an sin gu 2004. Às dèidh sin chaidh a reic a-rithist agus b'ann gu ruige Fiji a chaidh i far an robh i mu dheireadh a' giùlain bathair. Gu mì-fhortanach air a 24mh den t-Samhain chaidh i fodha ann an tubaist 's i air an t-slighe a-steach gu Caladh Suva. Gu fortanach chaidh an criutha gu lèir a shà bhaladh.
'S iomadh neach a fhuair cosnadh air a' Suilven fad nam bliadhnaichean a bha i air an t-slighe air a' Chuain Sgith agus anns a' phrògram sònraichte seo tha feadhainn den chriutha a' tighinn còmhla a-rithist airson an cuimhneachain fhèin a thoirt do Tom MacÌomhair air na là ithean sin air bòrd soitheach aig a robh uidhir de cheangal aca.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 31 Dec 2015 21:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2016 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal