An t-Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha ann an Leòdhas
Còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha ann an Leòdhas. Gaelic religious service conducted by Rev James MacIver, Knock Free Church, Point, Lewis.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 4-5 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Salm 139: 1-2 air fonn London New agus 's e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 73: 24-5 air fonn Stornoway agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Leughadh: Eabhraidhich 11: 1-16
Ceann-teagasig: Eabhraidhich 11: 5
'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas Mgr MacÌomhair agus tha e air a bhith na mhinistear ann an Eaglais Shaor a' Chnuic. Bha e roimhe ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bhon bhliadhna 2000 tha e air a bhith na phrìomh neach-clèireach do dh'Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire. Bha Mgr MacÌomhair na mhodarà tor air Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.
Chaidh Mgr MacÌomhair na òige gu bun-sgoil Thunga agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.
Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich golf agus a' leughadh.
Last on
An t-Urr Seumas MacÃŒomhair
Broadcasts
- Sun 14 Feb 2016 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Feb 2016 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal