Tasglann: Seirbheis bho 2009 le Mgr Ros Crichton, Eaglais Naomh Moire, Beinn na Fadhla
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ri Mgr Ros Crichton, Eaglais Naomh Moire, Beinn na Fadhla (2009). Gaelic archive service conducted by Fr Ross Crichton of St Mary's, Benbecula.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus leughaidhean a leanas:
'Solas na Grèine' le Mà iri NicAonghais, 'Mìorbhail Grà is' le Còisir Eaglais Reul na Mara, Bà gh a' Chaisteil, 'Dèan Dhòmhsa Tuigse' le Donnie M MacLeòid, 'Fan Maille Rium' le Joanne Mhoireach agus Kathleen NicAonghais a' seinn 'Reul Àlainn a' Chuain'.
Leughaidhean:
1 Eòin 1: 1-7 agus Eòin 1: 1-14
Tha Mgr Ros Crichton na shagart paraiste air Eaglais Naomh Moire ann am Beinn na Fadhla. Ged a tha buntanas aig teaghlach a' mhathar ri Loch Abar agus Àird nam Murchan, thogadh Mgr Ross ann an Ruadh Ghleann, far an deach e do dh' Àrd-Sgoil Stonelaw. Rinn e ceum ann an Diadhachd agus a' Ghà idhlig aig Oilthigh Ghlaschu mus deach e don Ròimh far an d' rinn e ceum ann am Feallsanachd agus an uair sin Diadhachd aig an Oilthigh Ghregorian. Rinn e trèanadh airson a bhith na thidsear Gà idhlig agus Creideimh aig ìre à rd-sgoile, ach cha b' fhada gus an do thill e chun t-slighe a dh' ionnsaigh na sagartachd. Chuir e crìoch air a thrèanadh aig an Seminaire des Carmes ann am Pairios, a' dèanamh ceum ann an Lagh-Eaglaise (no Canon Law) aig an aon à m. Chaidh òrdachadh mar shagart ann an Àrd-Eaglais an Òbain ann an 2005, agus an dèidh bliadhna a chuir seachad mar shagart ann am paraiste ann am Pairios, chaidh e na shagart-paraiste a Bheinn na Fadhla far a bheil e chun an là 'n-diugh.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh le Mgr Ros a bhith falbh air baidhsagal, a' leughadh, a' coiseachd agus a' sgrùdadh sloinntearachd. Tha ùidh mhòr aige ann an ceòl agus bidh e a' cluich a' phià na. Bidh e cuideachd a' sgrìobhadh bà rdachd agus dà in spioradail agus bha cuid aca sin rin cluinntinn aig cuirmean a chaidh a chumail ann an Uibhist agus an Glaschu. Tha guth math seinn aige cuideachd agus dà bhliadhna air ais ghabh e pà irt ann am farpais a' bhuinn òir aig a' Mhòd Nà iseanta Rìoghail .
Last on
Broadcast
- Sun 7 Feb 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal